RNLI an t-Òib a-mach à seirbheis bho Dhihaoine

- Air fhoillseachadh
Thig seirbheis bàta-teasairginn RNLI an t-Òib gu ceann Dihaoine 12mh den t-Sultain.
Tha trioblaidean air a bhith aig a' bhuidhinn ann an ceann a deas na Hearadh criutha gu leòr fhaighinn airson a dhol gu muir.
Dh'fhosgail an stèisean bho chionn 13 bliadhna, agus tha bàta 'Atlantic 85' air a bhith aca air deuchainn bho 2021 feuch am biodh e na bu sheasmhaiche soitheach a bhith aca nach fheumadh ach triùir air bòrd.
Dh'innis nanaidsearan ionadail na seirbheis san Iuchar am-bliadhna nach gabhadh criutha a bhith deiseil aca airson a dhol gu muir an là is a dh'oidhche agus le "aithreachas mòr" gum feumadh iad tarraing a-mach às an deuchainn sin.

Chaidh bàta an t-Òib, an John and Louisa Fisher (B-870), a ghairm mu dheireadh air an 6mh den Lùnastal, ach dh'innod Jill Hepburn, Ceannard Sgìreil an RNLI an Alba, gum biodh an criutha anns an t-Òb a' tarraing a-mach às an deuchainn air an 12mh den t-Sultain.
Thar nam mìosan ri thighinn, thuirt i, bidh aig an RNLI air cuid den uidheamachd a ghluasad air falbh bhon làraich aca aig a' chidhe gus na nithean sin a chumail aig ìre fhad 's a tha dearbhadh ri dhèanamh mu na roghainnean a th' aca san àm ri teachd.
Thug i taing do luchd-obrach saor-thoileach a th' air seirbheis a chumail thar nam bliadhnaichean agus cuideachd do na coimhearsneachdan anns na Hearadh, am Beàrnaraigh agus ann an Uibhist a Tuath airson an taic mhòr a fhuair an RNLI.
Thèid co-dhùnadh deireannach a dhèanamh mu na tha an dàn don stèisean "ron earrach 2026" ach anns an eadar-ama, thèid gairm sam bith bhon sgìre ris am biodh stèisean an t-Òib a' cumail taic, a fhreagairt le stèiseanan Bharraigh, Steòrnabhaigh no Phort Rìgh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An t-Iuchar
- Air fhoillseachadh10 An Cèitean 2024