Atharrachadh air fàire do Bhile Ath- leasachaidh an Fhearainn?

- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh gun tèid iomradh a thoirt air measadh a thaobh maith a' phobaill ann am Bile ùr Ath-leasachaidh an Fhearainn.
Thuirt Ministear nan Cùisean Dùthchail ann an Riaghaltas na h-Alba, Màiri Gougeon, ri buill den Phàrlamaid Albannaich Diciadain gun robh an riaghaltas "a' coimhead air facail a dh' fhaodar a chur a-steach ann a bhiodh ag ainmeachadh measadh maith a' phobaill" nuair a thig e gu bhith a' reic pìosan mòra fearainn.
Thuirt Ms Gougeon seo ann am freagairt ri ceist o Mercedes Villalba - am ball Làbarach ann am Pàrlamaid na h-Alba do sgìre thaobh an Ear Thuath na h-Alba.
Thuirt an rùnaire gun robh i a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Ms Villablo agus ri buill eile airson am bile a neartachadh.
Bha ise a' faighneachd am biodh an leithid na phàirt den bhile a tha an-dràsta a' dol tro Holyrood.
Thèid deasbad air aig ìre 3 anns na mìosan air thoiseach.
Sgrìobh sia buidhean deug litir fhosgailte gu Màiri Gougeon an t-seachdain sa chaidh agus iad airson atharrachaidhean bunaiteach fhaicinn ris a' bhile.
Chuir Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Caidreachas Croitearachd na h-Alba, Urras Iain Muir, is Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba, ainm ris an litir, a thuilleadh air an neach-iomairt fearainn Andy Wightman.
Tha iad a' cumail a-mach nach eil am bile mar a tha e a' dol fada gu leòr no a' toirt chothroman gu leòr do choimhearsnachdan dùthchail.
Tha mòran air a bhith a' gearin ron seo mun bhile ùr.
Thuirt Ms Gougeon mar-thà gun robh am bile "àrd-amasach mu atharrachaidhean a dhèanamh do choimhearsneachdan dùthchail agus eileanach".
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 Am Màrt 2024