Sagart à Uibhist a' dol na 'bhàrd' sa Chòrn

Maighstir Ross Crichton
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig sinnsearan Mhaighstir Ross às a' Chòrn agus chan e a' chiad duine bhon teaghlach a chaidh na 'bhàrd'

  • Air fhoillseachadh

Tha Maighstir Ross Crichton, a tha na shagart do Pharaiste Dhalabroig is Èirisgeigh, air fear de 22 duine air an tèid urram a bhuileachadh airson mar a bhrosnaich iad cànan agus dualchas na Còirne.

Aig cuirm ann am baile Marazion Disathairne cuirear fàilte orra gu Colaiste nam Bàrd aig Gorsedh Kernow - a' bhuidheann a stèidhicheadh bho chionn faisg air 100 bliadhna airson cultar Ceilteach na Còirne a chur air adhart.

Chan e duais bàrdachd a th' ann ach tha inbhe bàird ag aithneachadh obair ionmhalta dhaoine ann a bhith a' brosnachadh a' chànain agus a' chultair.

Ach chan e a' chiad duine na theaghlach a chaidh ainmeachadh na bhàrd le Gorsedh Kernow.

Thuirt Mgr Ross: "Bha ceangal againn ris a' Ghorsedh mar-thà agus nas fhaide air ais sa Chòrn gu St Merryn agus Gwennap far a bheil freumhan an teaghlaich agam fhèin."

'S ann às a' Chòrn a thàinig sinn-seanmhair a sheanmhar agus ghluais an teaghlach aice a dh'Alba a' lorg obair sna mèinnean.

Bha co-ogha aice-se air fear de na ciad bhàird a chaidh ainmeachadh.

Bàird Ghorsedh Kernow ann an 1936Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Cuirm ag ainmeachadh nam bàrd aig Gorsedh Kernow ann an 1936

Tha Maighstir Ross a' faighinn aithne mar bhàrd mar a fhuair a shinnsear airson a chuid sgilean sa Chòrnais agus a chuid obrach an lùib a' chànain.

Chan eil ach ceithir bliadhna on thòisich e ag ionnsachadh na Còrnais agus rinn e an deuchainn deireannach an-uiridh.

"Chan eil iad slaodach a bhith ag iarraidh oirnn obair a dhèanamh dhaibh ma tha sinn air na deuchainnean a dhèanamh," thuirt Maighstir Ross.

Mhìnich e gu bheil trì obraichean aige an-dràsta a' leasachadh na Còrnais. Tha e na bhall de phanail a' bhriathrachais a tha a' cur fad na h-uine ris an fhaclair air-loidhne le bhith a' cruthachadh fhaclan ùra.

'S e an dàrna obair aige le Coimisean a' Bhìobail a tha a' cur siostam litreachaidh ùir air an t-seann eadar-theangachadh a rinneadh den Bhìoball cleas mar a thachair le fear Gàidhlig na h-Albainn.

Tha iad an dòchas gum bi am Bìoball ùr air a chur an clò an ceann trì bliadhna.

Tha e cuideachd an sàs ann am buidheann creidimh fo sgiath Easbaig Truro a bhios a' tighinn còmhla airson leabhar ùrnaigh a chruthachadh agus seirbheisean sa Chòrnais a chur air dòigh.

Thuirt Maighstir Ross: "Tha sinn a' faicinn leudachadh agus fàs sa Chòrnais."

Tha e ag ràdh nach eil "ach mu 600 aig a bheil a' Chòrnais gu fileanta, ach gu bheil suas ri 3,000 ma dh'fhaoidte aig a bheil comas còmhraidh aca".

Tha ùidh shònraichte aig muinntir aig a bheil freumhan sa Chòrn mar a th' aige fhèin.

'S e urram mòr dha a dhol na bhàrd, tha e ag ràdh.

"A chionn 's gu bheil freumhan fada às agam sa Chòrn tha e a' toirt dhomh seòrsa de cheangal ris an dùthaich fhèin. Dhomhsa, 's e rud mòr a tha siud."

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu obair Gorsadh Kernow an seo., taobh a-muigh