Mìos ri dhol gu Mòd Loch Abair

- Air fhoillseachadh
Chan eil ach mìos ri dhol gus an tòisich Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Loch Abar.
Tha dùil gun tadhail suas ri 10,000 air an sgìre eadar 10-18mh den Dàmhair - sin eadar farpaisich, luchd-ciùil agus feadhainn a bhios a' frithealadh a' Mhòid.
Tha an Comunn Gàidhealach ag ràdh gu bheil àireamh nam farpaiseach air èirigh airson an treas bliadhna agus gu bheil còrr air 1,900 air cur a-steach airson nam farpaisean.
Ach chan iad farpaisean a-mhàin a bhios a' dol anns a' Ghearasdan agus an sgìre mu thimcheall fad na seachdaineach.
Tha cèilidhean, cuirmean, taisbeanaidhean, leabhraichean ùra gam foillseachadh agus ball-coise is iomain uile mar phàirt den t-seachdain.

Disathairne 11mh den Dàmhair bidh a' chuid as fheàrr de thàlant ciùil Loch Abair air an àrd-ùrlar airson cuirm Ar Cànan 's Ar Ceòl.
Am measg na bhios a' nochdadh, tha Eòghann MacEanraig agus Raonaid Walker.
Tha oidhche de phìobaireachd air thoiseach cuideachd le Ailean Dòmhnallach agus Aonghas MacNeacail.
Bidh an seinneadair Màiri Mhoireasdan agus Alasdair Roberts a' seinn òrain à Alba Nuadh ann an cuirm Remembered in Exile.

Màiri Mhoireasdan & Alasdair Roberts
Seo an naoidheamh turas a tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air a bhith ann an Loch Abar.
Tha muinntir na sgìre ag ullachadh mu choinneamh nam mìltean ris am bheil dùil.
Bidh seirbheis bhusaichean a' dol a bhios Shiel Buses a' ruith. Bidh iad a' treòrachadh dhaoine mu thimcheall air na diofar àitichean farpais anns a' Ghearasdan fhèin.
Thuirt Donnchadh MacGIlleBhrath bhon chompanaidh gun robh iad moiteil à bhith nam pàirt den t-seachdain agus gur e urram a bh' ann dhaibh a bhith a' cumail taic ris a' Mhòd.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, gun robh e sgoinneil a bhith a' faicinn cho taiceil sa tha coimhearsnachd Loch Abair a thuilleadh air taic o ghnìomhachasan ionadail na sgìre.
Thuirt e cuideachd gun robh e follaiseach le àireamhan nas motha de dh' fharpaisich gun robh a' Ghàidhlig na cànan beò, làitheil is làidir.
Thuirt ceannard Comhairle na Gàidhealtachd Raymond Bremner gun robh a h-uile duine a' coimhead air adhart ri Mòd air ais ann an sgìre na Gàidhealtachd agus gu bheil rudeigin ann dhan h-uile duine.