Gotland 2017: Là 5
- Air fhoillseachadh

Fhuair Kerry agus Ciorstaidh Nic a'Phì a' chiad 's an dàrna àite ann am farpais bhaidhsagal beinne Crit ann am prìomh bhaile Gotland, Visby, cuideachd a ghlèidheadh bonn-òir nan sgioba san fharpais sin.

Air an fheasgar aig pàirce na lùth-chleasan Gutavallen, thàinig bonn-òir ris nach robh dùil do sgioba nan Eilean Siar, le Heather NicFhionghain a' leum san Triple Jump. A' leum astar 11.06, a' cosnadh duais phriseil dhan nighean as Èirisgeigh.

Ciorstaidh Nic a’ Phì, Heather Nic Fhionghain, Kathryn Offer, agus Kerry Nic a’ Phì.
Goirid an dèidh sin thàinig bonn-òir eile chun na sgioba san amar-snàimh agus Kathryn Offer a' cumail grèim air bonn-òir agus an ùine as fheàrr riamh ann an eachdraidh nan Geamannan san 50m backstroke. Bha Kathryn air an duais seo a bhuannachadh ann an Jersey 2015 agus rinn i a' chùis air an ùine a fhuair i ann an 2015 le bhith a' crìochnachadh le 28.64 am-bliadhna.

Chrìochnaich farpais sgiobaidhean a' bhuill-choise leis na boireannaich a' cosnadh an 7mh àite san fharpais an dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air sgioba na Graonlainne 2-1, na tadhail aig na h-Eileanaich bho Màiri NicLeòid agus Shana NicPhàil.
Bha là na bu dhoirbhe aig na fir leis a' gheama acasan an aghaidh Hitra a' dol gu breaban peanais. Chrìochnaich an geama 5-3 do bhalaich nan Eilean Siar 's iad a' faighinn an 11mh àite anns an fharpais.