Rabhaidhean ron deireadh-sheachdain theth

TeineTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Thug Seirbheis Smàlaidh is Teasargainn na h-Alba rabhadh seachad mun chunnart a th' ann gun tòisich teintean monaidh fhads a tha sìde thioram ann

  • Air fhoillseachadh

Chaidh rabhadh a thoirt seachad gu bheil cunnart mòr ann gu Diluain gun tòisich teintean monaidh agus thathas ag iarraidh air daoine lasan a sheachnadh buileach a-muigh.

Tha seo a' tighinn an dèidh teine eile air Mòinteach an Damhath faisg air Baile nan Granndach Diciadain agus grunn theintean air feadh na Gàidhealtachd is Moireibh thairis air na seachdainean a dh'fhalbh.

Dh'fhaodadh an teothachd 30C (86F) a ruighinn air an deireadh-sheachdain a rèir luchd na h-aimsire.

Cuideachd, sgaoil na poilis rabhaidhean mu shàbhailteachd agus dol a-mach mì-shòisealta.

Tha grunn thachartasan mòra a-muigh a' gabhail àite no a' tòiseachadh air an deireadh-sheachdain seo, mar TRNSMT, Fèis Chiùil Thiriodh agus na Geamannan Eileanach ann an Arcaibh.

A thuilleadh air an sin, bidh oifigearan ann an sgìrean faisg air Loch Laomainn is dùil ri sluagh mòr ri linn na sìde.