Ionad Thròndairnis: "Bheir e misneachd don choimhearsnachd Ghàidhlig"

FlòdaigearraidhTùs an deilbh, URRAS AN TAOBH SEAR
Fo-thiotal an deilbh,

'S ann am Flodaigearraidh a thèid Ionad Thròndairnis a thogail

  • Air fhoillseachadh

Tha obair gus tòiseachadh air ionad Gàidhlig agus dualchais san Eilean Sgitheanach ann an tè de na sgìrean far a bheil an cànan fhathast air bilean an t-sluaigh.

Cosgaidh e £8m airson Ionad Thròndairnis a thogail ann am Flòdaigearraidh an ceann an ear-thuath den Eilean.

Ged a bha àrdachadh gu nàiseanta sa chunntas-shluaigh mu dheireadh sna thuirt gun robh Gàidhlig aca, thathar a' gabhail ris gu bheil crìonadh mòr air tighinn oirre mar chànan choimhearsnachd.

Tha a' Ghàidhlig a ghlèidheadh mar chànan beò san àite a tha gu bhith na phrìomhachas aig Ionad Thròndairnis.

Ìomhaigh neach-dealain air an togalach a bhios ann Tùs an deilbh, IONAD THRÒNDAIRNIS
Fo-thiotal an deilbh,

Ìomhaigh neach-dealain air Ionad Thròndairnis

Tha Mairead NicNeacail, cathraiche buidheann-stiùiridh Ionad Thròndairnis, ag ràdh gur e "coimhearsnachd Ghàidhlig fhathast a th' anns an sgìre seo".

Thuirt i: "'S urrainn dhomh bruidhinn ri mòran dhaoine, a h-uile latha, sna bùthan agus sa choimhearsnachd.

"Bheir an t-ionad ùr spionnadh mòr dhan chànan. Bheir e misneachd don choimhearsnachd Ghàidhlig sa chànan agus sa chultar aca."

Tha Ionad Thròndairnis den bheachd gum freagradh an goireas ùr air poileasaidh Riaghaltas na h-Alba agus gun gabhadh an sgìre a chomharrachadh mar Sgìre Shònraichte Cànain.

A' Chuith-RaingTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha bòidhchead Thròndairnis a' tarraing luchd-turais agus filmeadairean Hollywood

Tha seallaidhean-tìre ìongantach Thròndairnis a' tàladh luchd-turais agus stiùirichean fhilmichean Hollywood mar Ridley Scott a rinn Prometheus ann.

Tha an sgìre cuideachd air cliù a chosnadh gu h-eadar-nàiseanta airson na tha de lorganan dìneasair ann.

Ge-tà, ged a tha beartas de rudan a tharaingeas daoine ann tha Tròndairnis air tè de na sgìrean dùthchail as bochda an Alba nuair a thig e gu teachd a-steach an t-sluaigh, cothroman cosnaidh agus na tha de sheirbheisean.

"Tha sin a' sealltainn gu bheil cruaidh fheum air taic agus leasachadh sa choimhearsnachd againn," thuirt Mairead NicNeacail.

Thathar an dòchas gun toir an t-ionad ùr spionnadh dhan eaconamaidh ionadail agus gum bi obair làn-ùine do dheichnear agus barrachd aig na h-amannan as trainge.

Thuirt Mairead: "Leis gur e urras coimhearsnachd a tha ga ruith, bidh airgead a' fuireach san àite."

An DìgTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dòchas gun toir an t-ionad ùr spionnadh don eaconamaidh le obair làn-ùine airson co-dhiù deichnear

Fhuair am pròiseact taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, buidheann-riochdachaidh nan uachdaran poblach.

Bidh talla mòr san ionad cho math ri seòmraichean-teagaisg, leabharlann agus tasglann didseatach.

Bidh taigh-bìdh ann agus àitichean-fuirich do luchd-turais agus cruaidh fheum air leapannan a bharrachd dhaibh sa cheàrnaidh sin den Eilean Sgitheanach.

Tòisichidh obair, a chosgas mu £8m uile gu lèir, air an làraich sna beagan sheachdainean a tha romhainn.

Tha iad an dòchas gum bi e deiseil ro dheireadh 2028.

Thuirt Mairead NicNeacail: "'S e pròiseact mìorbhaileach a th' ann agus cothrom fìor mhath rudeigin a dhèanamh airson ar coimhearsnachd, ar cànan agus ar cultar a ghlèidheadh."