Cha deach gunna a lorg san Òban

Sgrùdadh san Òban
  • Air fhoillseachadh

Cha deach gunna sam bith a lorg ann an sgrùdadh a bh' aig Poileas Alba san Òban co-cheangailte ri murt Euan Johnston ann an 2016.

Chaidh losgadh air Mgr Johnston, 26, le gunna agus e sa chàr aige air Sràid na h-Alba ann an Glaschu.

Chaidh David Scott a dhìteadh airson a' mhuirt sa Chèitean 2018.

Thuirt Poileas Alba gu bheil fios aca gun robh barrachd na aon duine aig làrach a' mhuirt.

Euan JohnstonTùs an deilbh, Poileas Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Tha rannsachadh nam poileas co-cheangailte ri murt Euan Johnston

Thòisich sgrùdadh an t-seachdain seo air talamh-feòir faisg air margaidh-sprèidh an Òbain agus amharas gum faodadh gunna co-cheangailte ris a' mhurt a bhith ann.

Tha Poileas Alba a-nise air innse gu bheil an sgrùdadh sin air tighinn gu ceann is nach deach gunna a lorg.

Dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh ùr bruidhinn riutha is iad ag ràdh gu bheil an rannsachadh a' leantainn.