Dòchas mu phàirc spòrs phlastaig dha na Hearadh

- Air fhoillseachadh
Tha feadhainn a tha an sàs ann an spòrs anns na Hearadh ag ràdh gun dèanadh pàirc phlastaig san eilean feum mòr.
Fhuair a' bhuidheann Spòrs na Hearadh taic-airgid airson sgrùdadh a dhèanamh feuch dè mar a b' urrainn pàirc phlastaig a thogail.
'S ann an Steòrnabhagh a tha a' phàirc mhòr phlastaig as fhaisge agus chan eil sin ro ghoireasach dha luchd-spòrs na Hearadh.
Tha Lena Mhoireasdan am measg na dh'iarradh pàirc phlastaig: "'S e rud a th' ann, tha sinn uabhasach feumach air o chionn mar a bha a' phàirc a th' againn an-dràsta, tha leithid de mhìosan dhen gheamhradh nach urrainn dhut cluiche a-muigh idir.

Tha raon beag plastaig air an Tairbeart agus fear ann an Scalpaigh
"Chan urrainn dhaibh cluiche fo sholais, oir chan eil solais againn a-muigh agus tha sin ga dhèanamh uabhasach doirbh.
"'Mar sin, 's e an aon chothrom a bhios aig daoine 's e a dhol suas a Steòrnabhagh agus tha sin 40 mìle air falbh."
Chan eil fhios fhathast càite am biodh pàirc ùr phlastaig.

Lena Mhoireasdan
Thuirt Anna NicRath, an neach-ionmhais aig a' bhuidhinn Spòrs na Hearadh: "S ann airson sin a tha sinn a' dèanamh an options appraisal.
"'S dòcha gun dèan sinn monkey survey no rudeigin leis a' choimhearsnachd a dh'fhaighneachd na ceistean a tha sin, dè an t-àite a bhiodh freagarrach.
"Aig an àm seo, chan eil fhios againn an-dràsta càita am bi e."
Tha sgioba fhireannach agus sgiobannan òigridh ball-coise anns na Hearadh a-nis - rudan nach robh ann airson greis.
Tha iomain a' dol cuideachd.

Anna NicRath
A rèir Lena, tha feum air goireasan cearta airson seo a chumail a' dol agus luchd-spòrs a bhrosnachadh: "Tha sinn a' feuchainn ri spòrs a bhrosnachadh air feadh a h-uile aois - chan e a-mhàin òigridh ach inbhich cuideachd agus tha e math gu bheil sinn a' dèanamh sin, ach feumaidh na goireasan a bhith againn airson sin a dhèanamh, agus an-dràsta, chan eil sin againn.
Chaidh dà phàirc phlastaig a chur an sàs bho chionn ghoirid anns na Hearadh, ach tha iad beag agus air an dèanamh bho stuth a thàinig bho sheann phàirc ann an Steòrnabhagh.
Thuirt Anna NicRath gu bheil pàirc nas fheàrr a dhìth.
"Tha sinne a' faireachdainn - tha àite mar seo ann an Uibhist, tha àite ann an Leòdhas (ann an Steòrnabhagh) ach chan eil fear anns na Hearadh.
"Tha e uabhasach cudromach gun tèid seo air adhart".