Tuilleadh bhìobhairean do Chnapadal
- Air fhoillseachadh

Thèid 28 bìobhairean a leigeil ma sgaoil ann an sgìre de dh'Earra-Ghàidheal far an deach sgeama pìleat a chumail air na beathaichean a thilleadh a dh'Alba.
Thug ministearan cead do bhuidheann Bhìobhairean na h-Alba na beathaichean a leigeil ma sgaoil ann an Cnapadal, aig ceann a tuath Chinn Tìre.
Chaidh bìobhairean a thilleadh chun na coille fon sgeama pìleat ann an 2009, fhad 's a chaidh feadhainn eile a leigeil ma sgaoil gu mì-laghail air Taobh Tatha.
Thàinig air ministearan co-dhùnadh co-dhiù deadh leigeil leotha fuireach, no am feumte an spadadh. Rinneadh an co-dhùnadh gum faodadh iad fuireach, le dìon laghail, an-uiridh.
Ged a tha cead aig a' bhuidhinn 28 bìobhairean a thoirt a Chnapadal, cha tèid ach ceithir dhiubh a leigeil ma sgaoil an toiseach, a tuilleadh air an naoi a th' ann mar thà.
'S ann bho sgìrean eadar-dhealaichte a bhios iad, gus measgachadh ginteil nam bìobhairean a neartachadh.
Tha Bìobhairean na h-Alba ag ràdh gu beil iad ag amas air co-dhiù còig pèadhair a bhith ag àlachadh ann an Cnapadal, gus làthaireachd nam beathaichean a dhèanamh maireann san sgìre.