ICT a-mach à rianachd gu h-oifigeil

- Air fhoillseachadh
Dhearbh Caledonian Thistle gu h-oifigeil bheil iad air tighinn a-mach à rianachd.
Ghabh a' chompanaidh BDO smachd air ICT san Dàmhair an-uiridh is mì-chinnt mhòr air a bhith a' cuairteachadh a' chluba anns na mìosan ron sin.
Chaidh peanas 15 puingean air an sgioba cuideachd ach thàinig piseach air cùisean air a' phàirc às dèidh do Scott Kellacher a dhol an àite Dhonnchaidh Fhearghasdain mar mhanaidsear is dh'fhuirich ICT ann an Lìog 1 air a' cheann thall.
Bha adhartas ann far na pàirce cuideachd is Ailean Savage, a bha na chathraiche air a' chluba roimhe, a' cumail taic-airgid riutha tron phròiseas.
Ged a bha rabhadh ann bhon luchd-rianachd san Mhàrt gun robh an cluba "ann an cunnart mòr", fhuaireadh fuasgladh is chaidh Mgr Savage ainmeachadh mar an tagraiche b' fhàbharaiche airson Caley Thistle a ghabhail thairis.
Bha ceum mòr aig toiseach an t-samhraidh nuair a chaidh aonta CVA a ruighinn le luchd-creideis.
Bha seo stèidhichte air tairgse £800,000 a rinn Ailean Savage gus smachd a ghabhail air a' chluba.
- Air fhoillseachadh22 An Dàmhair 2024
- Air fhoillseachadh10 An Giblean
- Air fhoillseachadh5 An t-Ògmhios
Bha dùil aig an àm sin gun tigeadh ICT a-mach à rianachd taobh a-staigh beagan sheachdainnean.
Ged a thug e nas fhaide na sin, tha Caley Thistle a-nise air dearbhadh gu bheil am pròiseas seachad is smachd gu h-oifigeil aig Mgr Savage.
A' bruidhinn ris na meadhanan Dihaoine, thuirt Mgr Savage gu bheil e den bheachd gu bheil an cluba ann an deagh shuidheachadh.
Thuirt e gu bheil e a' sireadh taice bho ghnothachasan ionadail is Comhairle na Gàidhealtachd is dh'iarr e air muinntir na sgìre a dhol air cùl ICT.
Tha e ag ràdh cuideachd gu bheilear a' coimhead ri consairtean, stèisean connaidh is ceangal ri slighe an NC500 mar dhòighean air airgead a thoirt a-steach.
Ged a tha peanas còig puingean air a' chluba air an t-seusan seo cuideachd, tha ICT air tòiseachadh gu làidir is iad dìreach trì puingean air cùl Queen of the South a th' aig mullach Lìog 1.