Bhàsaich fear-motar-baidhg an tubaist air Taobh Siar Rois

Sanas-tubaiste nam poileas
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an rathad dùinte airson còrr is sia uairean de thìde fhad 's a rinn na Poilis sgrùdadh

  • Air fhoillseachadh

Thòisich na Poilis sgrùdadh an dèidh mar a chaill fear-motar-baidhg a bheatha ann an tubaist le bhana-campachaidh air rathad an A832 eadar Inbhir Iù agus Tùrnaig.

Thachair an tubaist eadar motar-baidhg Triumph Tiger geal agus bhana-campachaidh Ford Transit liath mu 3:10 feasgar Diardaoin.

Bhàsaich fear, 59, a bh' air a' motar-bhaidhg, aig an làraich.

Chaidh innse do a theaghlach.

Cha deach dràibhear a' bhana-champachaidh agus neach-siubhail a ghoirteachadh.

Thuirt an Sàirdseant Ewan Calder gun robh an smuaintean le càirdean agus caraidean an duine a bhàsaich.

Thuirt e: "Dh'iarrainn air duine sam bith a chunnaic na thachair, neo aig a bheil dealbhan dash-cam, a thighinn a bhruidhinn rinn."

Bha an rathad dùinte airson còrr is sia uairean de thìde agus thug an Sàirdseant Calder taing don phoball airson an cuid foighidinn fhad 's a rinn oifigearan sgrùdadh air làrach na tubaiste.

Bu chòir do dhaoine le fiosrachadh fios a chur air Poileas Alba an seo, taobh a-muigh.