Meas Mòr: Òran rap ùr a rinn clann an Alba is Èirinn sa Ghàidhlig is Gaeilge

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-ciùil òga ann an Dùn Èideann agus Corcaigh air tighinn còmhla mar phàirt de phròiseact hip-hop dà-chànanach.
Bha naoinear bho Bhun-sgoil Taobh na Pàirce agus còignear bho phròiseact Kabin Krew ann an Corcaigh an sàs sa phròiseact òran rap a sgrìobhadh an dà chuid Gàidhlig na h-Alba agus sa Ghaeilge.
Bha ochd seiseanan sgrìobhaidh air-loidhne aig an òigridh far am do dh'innis iad do chàch a chèile mu na bailtean aca agus mu na gnàthasan-cainnte agus abairtean sna cànanan aca.
'S e Meas Mòr ainm an òrain a chruthaich a' chlann a rinn cuideachd bhideo ciùil air a shon.
Cead do stuth YouTube?
Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
'S e co-obrachadh a th' ann eadar an Tinderbox Collective , taobh a-muighan Alba agus The Kabin Studio, taobh a-muigh ann an Corcaigh a choisinn cliù fad is farsaing mar-thà leis an òran The Spark., taobh a-muigh
Thuirt Eàirdsidh, 10, à Dùn Èideann: "Tha min dòchas gum faodadh sinn a bhith cho ainmeil ris a' Khabin Crew ma chumas sinn a' dol leis an seo!"
Tha Heidi, aon de na raparan òga à Corcaigh, ag ràdh gu bheil "fadachd orm coinneachadh ris na caraidean ùra agam ann an Dùn Èideann".

Bha seiseanan air-loidhne aig a' chloinn far an do dh'ionnsaich iad beagan mu na bailtean agus na cànanan aig càch a chèile
Tha dòchas ann gum faigh luchd-bruidhinn òga na Gàidhlig agus na Gaeilge misneachd às an òran ùr le bhith a' sealltainn don luchd-èisteachd gu bheil na cànanan aca beò agus a' soirbheachadh ann an guthan an ath-ghinealaich.
Tha am pròiseact air a mhaoineachadh le Colm Cille, taobh a-muigh - co-bhanntachd eadar Foras na Gaeilge ann an Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig ann an Alba, le taic bho Bhàrr na gCnoc aig Oilthigh Chorcaigh.