Iarrtas siostam-laighe EGNOS a thilleadh gu Port-Adhair Bharraigh

- Air fhoillseachadh
Dh'iarr Ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, gun tèid Port-adhair Bharraigh an lùib siostam saideil Eòrpach, EGNOS, a-rithist feuch lùghdachadh a thoirt air an àireimh de sheirbheisean a th' air an cur dheth.
Chaidh aon seirbheis às gach sia a chur dheth sa bhliadhna mu dheireadh, an ìre as àirde aig port-adhair sam bith an Alba.
Tha EGNOS a' leigeil le plèanaichean laighe fiù 's nuair a tha sgòthan ìosal ann.
Dh'fhàg an Rìoghachd Aonaichte an siostam nuair a thàinig an dùthaich a-mach às an Aonadh Eòrpach.
Tha Mgr Crichton ag ràdh gu bheil e "follaiseach gu bheil cosgais eaconomaigeach" chan e a-mhàin do Bharraigh ach do na puirt-adhair bheaga eile a chaill an siostam.
Tha Mgr Crichton ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid de dhùthchannan an G20 a' cleachdadh EGNOS.
Thuirt e gum feumar "argamaid a chur air adhart gum bi buannachd eaconomaigeach ann le bhith a' dol air ais dhan t-siostam seo" a tha e a' tomhas a chosgadh suas ri £30m.
A' bruidhinn sna Cumantan, thug Mgr Crichton cuireadh do Mhinistear ùr an Adhair, Keir Mather, coinneachadh ris air an Tràigh Mhòir am Barraigh far a bi an t-itealan a' laighe.