"Tè na seacaide pinc" a' cur ri beatha phoblach Phort Rìgh

- Air fhoillseachadh
Ma tha tachartas sam bith a' dol air adhart ann am Port Rìgh, faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi Lorna NicCarmaig na lùib ann an dòigh air choireigin.
'S e an obair mhòr a tha Lorna a' dèanamh às leth na coimhearsnachd a tha a' fàgail gun deach a cur air adhart airson Duaisean Dèan Diofar BBC Radio nan Gàidheal.
Am measg na rinn moladh oirre 's e a nighean, Lauren NicDhòmhnaill, a tha ag ràdh gu bheil e nas fhasa innse do dhaoine dè na rudan anns nach eil a màthair an sàs.
Thuirt i: "Tha mi a' smaoineachadh a' chiad tachartas a chuir i air dòigh 's e a' cur air solais na Nollaige.
"Agus an uair sin, bidh beachd eile a' tighinn!"

'S i Lorna a th' air cùl thachartasan, chèilidhean, chuirmean agus fiù 's a' phanto.
Tha Iona Dhòmhnallach ag ràdh nach biodh mòran a' tachairt sa bhaile idir mura b' e gun robh a caraid cho dealasach.
Thuirt i: "Tha Lorna gan ruith airson na coimhearsnachd fhèin.
"Cuideachd, tha an t-airgead a tha i a' togail a' dol air ais dhan choimhearsnachd."
Tha Lorna aithnichte airson seacaid phinc a bhith oirre nuair a tha i an sàs ann an tachartas poblach.
Thuirt Lauren: "Bidh a h-uile duine ag innse dhomh, 'chunnaic mi do mhàthair ann am pinc soilleir agus i a' dèanamh siud agus i a' dèanamh seo'.
"Tha mi uabhasach fhèin pròiseil aiste. Tha i gu math airidh air Duais Dèan Diofar."

Tha Lorna fhèin ag ràdh gur ann a chùm maith an luchd-còmhnaidh air fad tha i ag obair.
"'S fìor thoil leam e, agus tha a' còrdadh rium.
"Air mo shon fhèin, 's e a bhith a' faicinn an rud a' tighinn ri chèile agus mar a tha daoine a' cur luach anns an rud a tha thu a' feuchainn ri dhèanamh.
"'S ann mu dheidhinn sin a tha a h-uile sìon gu dearbh," thuirt i.
Gheibhear na h-ainmean uile aca agus barrachd fiosrachaidh mu Dhuaisean Dèan Diofar a' BhBC an seo.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal