Dàil le athchuinge SOS NHS

  • Air fhoillseachadh
Ospadal Phort RìghTùs an deilbh, Des Colhoun/Geograph

Bha dùil gum biodh comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba a' beachdachadh uair eile Diardaoin air athchuinge mu sheirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is Iar-Dheas Rois

Ach, seach gun robh an clàr-gnothaich làn, chaidh seo a chur dheth gu àm eile.

Chuir còrr is 4,000 duine ainm ris an athchuinge.

'S iad a' bhuidheann SOS NHS a chuir an athchuinge air adhart an toiseach bho chionn dà bhliadhna.

Tha iad ag iarraidh sgrùdaidh neo-eisimeilich air na h-atharrachaidhean aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd airson seirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse, is Iar-Dheas Rois.

Chaidh an ath-chuinge a dheasbad sia tursan aig a' chomataidh roimhe.

Bidh dà roghainn mun coinneimh nuair a sheallas iad ris a-rithist.

Faodaidh iad gabhail ri fianais bho Rùnaire na Slàinte gun deach am pròiseas a leantainn san dòigh cheart, agus an athchuinge a dhùnadh, neo faodaidh a' chomataidh ceum sam bith eile a tha iad a' faicinn iomchaidh a ghabhail.

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd air a' mhìos a chaidh gun tèid sgrùdadh bho thaobh a-muigh na buidhne a dhèanamh air seirbheisean slàinte ann an ceann a tuath an eilein.