Fhuaireadh fear a bha a dhìth air Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Dhearbh na Poilis gun d' fhuair iad lorg air fear à Sasainn a bha iad den bheachd a dh'fhaodadh a bhith air Ghàidhealtachd.
Thòisich na Poilis iomairt airson lorg fhaighinn air Harry Lewinton, 21, a chaidh fhaicinn mu dheireadh Là na Sàbaid seo chaidh aig a dhachaigh ann an Oxfordshire.
Thuirt na Poilis gum b' aithne dhaibh gun robh e am meadhan baile Inbhir Nis Dimàirt an 21mh den Dàmhair.
Thug iad taing dhan phoball airson fios a sgaoileadh mun duine.