Deuchainnean ùra air drònaichean-lìbhrigidh an Earra-Ghàidheal is Bòd

Thathar ag amas air ùineachan lìbhrigidh a ghearradh bho "uairean de thìde gu mionaidean"
- Air fhoillseachadh
Dh'ainmich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte £500,000 airson deuchainnean ùra dròna-lìbhrigidh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.
Thèid an dèanamh leis a' chompanaidh Skyports ann an co-bhanntachd ri Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Tha am maoineachadh mar phàirt de phrògram in-ionmhais luach £8.9m airson teicneòlais air feadh na dùthcha.
Tha Roinn an t-Saidheins, Nuadhachais agus Teicneòlais (DSIT) an dòchas gum faod an t-airgead ùineachan lìbhrigidh stuth meadaigich agus a' phuist a ghearradh bho "uairean de thìde gu mionaidean".

Tha an comas dròna obrachadh gun e a bhith ri fhaicinn air leth cudromach ann a bhith a' leasachadh an teicneòlais.
Ma thèid aig companaidhean air drònaichean a sgèith agus am pìleat na ceudan mhìltean air falbh dh'fhaodadh gun gabh na carbadan-adhair cleachdadh airson stuth meadaigeach agus post a lìbhrigeadh gu coimhearsnachdan dùthchail nas luaithe.
Dh'fhoillsich Ùghdarras nam Plèanaichean aithisg an t-seachdain seo le amas drònaichean a chleachdadh gu cunbhalach a-mach à sealladh a' phìleit ro 2027.
Tha Àrd-oifigear Skyports, Alex Brown, ag ràdh gur e "leasachadh mòr" a bhiodh sin agus "gum faodadh gum biodh pìleat ann an Lunnainn ach a' stiùireadh dròna ann an Alba".
Thuirt ceannard Comhairle Earra-Ghàidheail is Bhòid, Jim Lynch: "Tha a' chomhairle ùr bho Ùghdarras nam Plèanaichean a' fosgladh nan dorsan feuch mar a ghabhas an teicneòlas cleachdadh airson tursan anns nach eil cus cunnairt."
- Air fhoillseachadh24 Am Màrt
- Air fhoillseachadh17 An t-Ògmhios 2022
- Air fhoillseachadh29 Am Faoilleach 2020
Bha Skyports an sàs roimhe ann an grunn phròiseactan pìleatach an Earra-Ghàidheal is Bòd.
Sa Ghearran 2021, chuir iad sampallan agus deuchainnean Covid-19 le drònaichean, agus ann an 2022 bha sgeama pìleat ann biadh a sgèith gu sgoiltean.
Chan e a' chiad àite an Alba far an deach drònaichean fheuchainn airson stuth a ghiùlain.
Thòisich a' chompanaidh Windracers am post a lìbhrigheadh le drònaichean gu Ronaldsay a Tuath ann an Arcaibh.
Cuideachd, leanaidh a' chiad sheirbheis-phuist dròna choimheirsealta eadar Stromness agus eileanan Graemsay agus Hoy gu 2026.