Dùbhlain roinn a' chùraim aig tuath gan deasbad

- Air fhoillseachadh
Bidh co-labhairt mhòr sa Ghearasdan Dihaoine a bhruidhinn air seirbheisean cùraim an ceann a tuath na h-Alba agus rabhadh ann gu bheil an roinn ann an suidheachadh fìor chugallach.
'S e am Ball-pàrlamaid Albannach airson Inbhir Nis, an Eilein Sgitheanaich is Ros an Iar, Aonghas Dòmhnallach, a chuir an tachartas air dòigh.
Sa Ghiblean, fhuair aithisg a dh'fhoillsich Mgr Dòmhnallach gun robh lùghdachadh an còigeamh cuid air na tha de dhachaighean-cùraim air a' Ghàidhealtachd ged a tha na tha de sheann daoine a' sìor èirigh ann.
Nochd an aithisg draghan mu dhachaighean-cùraim a tha gan dùnadh, cion luchd-obrach agus an t-uallach air an NHS nuair a tha dàil air daoine bho bhith a' faighinn air ais dhan choimhearsnachd bhon ospadal.
Dh'iarr an aithisg air Riaghaltas na h-Alba airgead a chosg air dachaighean-cùraim gu h-àraid air taobh siar na Gàidhealtachd.
Bheir a' cho-labhairt grunn bhuidhnean còmhla cho math ris an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, an t-Àrd-Oifigear aig Cùram Alba, Dòmhnall MacAsgaill, agus Leas-Àrd-Oifigear NHS na Gàidhealtachd, Dàibhidh Park.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An t-Sultain 2024

- Air fhoillseachadh28 Am Màrt 2024

- Air fhoillseachadh23 An t-Ògmhios 2022

- Air fhoillseachadh9 Am Màrt 2023
