Bun-Sgoil an Ath Leathainn na 'cùis-èiginn'
- Air fhoillseachadh

Tha togalach Bun-Sgoil an Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach cho dona 's gur e fìor chùis-èiginn a tha innte, a rèir tè a tha air Comhairle nam Pàrant.
Bha i a' bruidhinn goirid às dèidh do Bhall-Pàrlamaid na sgìre, Iain Blackford, tadhal air an sgoil.
Tha na chunnaic e an sin a' toirt airsan iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd prìomhachas a thoirt do sgoil ùir san Ath Leathann.
Chaidh an sgoil a thogail bho chionn còrr is 40 bliadhna.
Tha coltas ann gun robh cuid air draghan a thogail aig an àm sin nach robh an togalach freagarrach 'son aimsir an Eilein Sgitheanaich.
Bha dragh ann mu na ballachan tana agus mullach còmhnard.
Dampachd
Tha pàrantan aig a bheil clann san sgoil an-dràsta ag ràdh gu bheil cuid de sheòmraichean ann nach gabh cleachdadh tuilleadh.
Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil na ballachan ann an cuid de na seòmraichean a thathar a' cleachdadh a' fàs dubh leis an dampachd.
Thuirt am Ball-Pàrlamaid, Iain Blackford: "Nuair a chì thu an sgoil, tha e follaiseach gu bheil i air dhol am miosad.
"Nuair a bha mi ann dìreach bho chionn beagan làithean, bha sgrùdadh a' dol 'son bhiastagan beaga agus thuirt iad nach b' urrainn dhaibh an obair a choilionadh leis cho fliuch 's a bha na ballachan.
Tha draghan air pàrantan cuideachd gum faodadh staid na sgoile buaidh a thoirt air slàinte na cloinne.
Tha Rosie Woodhouse air Comhairle nam Pàrant agus tha i ag ràdh gu bheil an togalach air fad a' faireachdainn taiseach is làn dampachd.
"Tha pàrantan air innse dhomh gu bheil an cuid cloinne air tòiseachadh fulaing leis a' chuing bhon a thàinig iad gu Bun-Sgoil an Ath Leathainn - rud nach robh na thrioblaid dhaibh cheanna.
Foghlam
"Feumaidh an togalach a bhith air a leagail agus togalach ùr a chur na àite a tha iomchaidh 'son foghlaim san 21mh Linn.
"'S e cùis-èiginn a th' ann, agus feumaidh sin tachairt 's a bhad."
Tha Ball-pàrlamaid na sgìre air fios a chur do Cheannard Comhaire na Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh, mun t-suidheachadh.
Agus tha an t-ùghdarras ionadail air fios a chur air Riaghaltas na h-Alba 'son airgead a phàigheas 'son sgoile ùire.
Ach tha dragh air pàrantan nach eil planaichean coilionta ann 'son a lethid air an ìre seo.
Thuirt Rosie Woodhouse: "Ged is e seo an dàrna bun-sgoil as motha anns an Eilean Sgitheanach agus tha sinn air a bhith ag iomairt 'son sgoile ùire 'son ùine mhòir, chan eil Comhairle na Gàidhealtachd air sgoil ùr a chur air na pròiseactan calpa aca, cho fada 's is aithne dhuinn."