Comhairle na Gàidhealtachd a' cur an aghaidh loidhne dealain SSEN

- Air fhoillseachadh
 
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cur an aghaidh phlanaichean airson loidhne dealain ùir tron Ghàidhealtachd gu h-oifigeil.
Tha a' chompanaidh cumhachd SSEN airson loidhne ùr 400kV a leasachadh eadar An Spideal, Loch Buidhe agus a' Mhanachainn.
Thog an t-ùghdarras ionadail dragh mun phròiseact co-cheangailte ri na roinnean a leanas:
Dèiligeadh ri staing na Gnàth-aimsire is nàdair
Buaidh air Sealladh is Cruth na Tìre
Làrach Dualchas Cruinne Dùthaich nam Flobhachan
Comharrachadh Dualchas Nàdarrach Natural heritageb deisgnations
Spèiseasan air a bheil Dìon
Àrainn is Bi-iomadachd
Coilltean
Ùirean
Rathaidean, Còmhdhail is Inntrigeadh
Dualchas Culturail
Goireasan Còmhnaidheachd
Uisge agus Drèanadh
Tha a' chomhairle air dragh a thogail mu thruailleachd fuaim agus thuirt iad gun toireadh an leasachadh droch bhuaidh air an àrainneachd, bi-iomadachd agus air goireasan ionadail nan sgìrean.
Thuirt SSEN gu bheil iad air co-chomhairleachadh farsaing a dhèanamh agus gu bheil feum air leasachaidhean air lìonra cumhachd na dùthcha mar thathar a' dol a' choilionadh targaidean net zero agus tèarainteachd cumhachd Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh freagairtean a fhuair iad don cho-chomhairleachadh air cùl na h-adhbharan a thug iad seachad airson cur an aghaidh an leasachaidh.
Thuirt iad cuideachd nach robh buannachdan eaconamach sam bith a thigeadh an cois an leasachaidh air thoiseach air gin de na h-adhbharan a thug iad seachad airson cuir na aghaidh.
Ni Ionad Ceadachaidh Cumhachd an Riaghaltais Albannach co-dhùnadh deireannach air na molaidhean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An Giblean
 

- Air fhoillseachadh16 An t-Ògmhios
 
