Maill air bàt-aiseig ùr £48.5m

  • Air fhoillseachadh
Hebrides
Fo-thiotal an deilbh,

'S e an Hebrides a tha air an t-slighe an-dràsta.

Cha bhi bàt-aiseig ùr airson slighe Ùige, An Tairbeirt agus Loch nam Madadh deiseil ann an àm.

Chaidh dàil air a bhith a' togail an t-soithich, a bhios 102 meatar de dh'fhaid, agus a chosgas £48.5m, aig Gàrradh Shoithichean MhicFhearghais air Chluaidh.

Bha dùil gun deadh am bàta a thoirt seachad do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn sa bhliadhna ùir.

Ach tha "trioblaidean mòra einnsinnìridh" air maill a chur air.

'S e a chiad bhàt-aiseig de a seòrsa a th' air a thogail ann am Breatainn, 's i air a ruith gach cuid air gas lionnach nàdarra, agus ola gas mara.

Tha dùil nach bi i deiseil gu 2019.