Prìosan dha fear a thug ionnsaighean an Inbhir Nis le sgian-choille

Soidhne na h-Àrd-Chùirte ann an Dùn Èideann Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann gun robh trioblaid aig Malcolm MacLeòid le fearg agus fòirneart

  • Air fhoillseachadh

Chaidh binn prìosan 11 bliadhna gu leth a chur air fireannach a thug dà ionnsaigh le sgian-choille ann an Inbhir Nis nuair a nochd e san Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann.

Dh'aidich Malcolm MacLeòid, 31, gun do dh'fheuch e ri Jay Williamson a mhurt air Sràid Gilbert air an 15mh den Fhaoilleach an-uiridh.

Bhuail e Mgr Williamson mun cheann agus mun bhodhaig iomadach uair ga fhàgail air fhìor dhroch leòn, ga chur an cunnart a bheatha agus le làraichean a bhios air gu bràth.

Dh'aidich MacLeòid cuideachd gun tug e ionnsaigh air Brian MacLeòid aig seòladh ann an Rathad Dhùn an Àbain air an 17mh den Chèitean an-uiridh le bhith ga shlaiceadh mun aodann agus ga ghoirteachadh gu dona.

Thuirt am Morair Young gun robh MacLeòid dualtach a bhith feargach agus fòirneartach gu h-àraid an dèidh dha deoch-làidir neo cainb a ghabhail.

Thuirt am britheamh gum faca màthair agus a' chlànn òga aice an oidhirp air murt.

"Feumaidh gur e cùis fìor eagallach a bha seo, don dà chuid an duine a dh'fhuiling agus dhan fheadhainn a bha faisg aig an àm," thuirt e ri MacLeòid.

"Tha mi ag aontachadh leis a' mheasadh san aithisg obrach shòisealta mun eucoir gum bi thu fhathast na chunnart mòr do chàch."

Dh'òrdaich am britheamh gum bi MacLeòid, a chaidh a dhìtheadh còig tursan roimhe airson ionnsaigh a thoirt, fo sgrùdadh mhionaideach sa choimhearsnachd airson dà bhliadhna agus sia mìosan an dèidh dha faighinn a-mach às a' phrìosan.

Tha MacLeòid air aideachadh roimhe gur e a thug na h-ionnsaighean.

Chuala a' chùirt gun deach e gu dachaigh Mhgr Williamson agus gun do dh'iarr e air sabaid leis.

Dh'fheuch Mgr Williamson ri bacadh a chur air le sguab.

Thachair an dàrna ionnsaigh an dèidh argamaid mu airgead.

Thuirt am fear-lagha dìon, Lorenzo Alonzi, gun robh "beatha dhuilich" air a bhith aig MacLeòid ach gun robh e a' gabhail aireachais airson na rinn e.