Tillidh an Isle of Lewis gu slighe Bharraigh an dèidh a bhith air a càradh

Tha dùil gum bi an Isle of Lewis air ais air an t-seirbheis àbhaisteach aice Dihaoine
- Air fhoillseachadh
Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil siostam èadharachaidh deic nan càraichean aig an Isle of Lewis a-nis air a chàradh agus gu bheil an soitheach comasach air carbadan de gach seòrsa a ghiùlan.
Bha am bàta-aiseig air an t-slighe eadar Ulapul agus Steòrnabhagh fhad 's a bha an soitheach àbhaisteach, an Loch Seaforth, san doc a' faighinn na seirbheis bliadhnail aice.
Tha faisg air cola-deug on dh'fhàg na trioblaidean teicnigeach leis an Isle of Lewis nach gabhadh i ach 30 càr agus uaireannan luchd-coise a-mhàin.
Bha casg air làraidhean cho math ri carbadan LGV agus dealain.
Luchd-coise a-mhàin air an Isle of Lewis ri linn trioblaid theicnigeach eile
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
Suidheachadh aiseig Steòrnabhaigh "nàr"
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
Tillidh an Isle of Lewis a Bharraigh Diciadain agus tha dùil gun tòisich i air an t-seirbheis àbhaisteach aice eadar Bàgh a' Chaisteil agus an t-Òban Dihaoine.
Tha an Loch Seaforth a-nis air ais ann an Steòrnabhagh agus tha dùil gun tòisich an t-seirbheis às ùr a dh'Ulapul Diciadain, ged nach deach a dhearbhadh fhathast cuine a bhios a' chiad seòladh ann.
Tha na seirbheisean air gach slighe dheth Dimàirt air sgàth na h-aimsire.
Gheibhear am fiosrachadh as ùire mu sheirbheisean ChalMac an seo, taobh a-muigh.