Rannsachadh FAI mu bhàs Uilleim MhicDhùghaill

Uilleam MacDhùghaillTùs an deilbh, PETER JOLLY NORTHPIX
  • Air fhoillseachadh

Thèid rannsachadh tubaist bhàsmhoir a chumail air bàs fhireannaich a mhuirt a leannan agus am balach beag aca, a bha 3, o chionn cha mhòr 50 bliadhna.

Bhàsaich Uilleam MacDhùghaill sa Ghearran 2023 gann air còig mìosan bho thòisich e binn airson Renee agus Anndra MacRath a mhurt. Cha deach an cuirp a lorg riamh.

Bha MacDhùghaill, 81, à Penrith ann an Cumbria, air a bhith a' faighinn cùraim deireadh-beatha aig prìosan Ghleann Ochail ann an Almhaigh.

Chaidh a chur gu Ospadal Shrath Fhoirthe an dèidh dha chuid slàinte crìonadh, 's bhàsaich e.

Thugadh binn beatha sa phrìosan dha, 30 bliadhna air a' char as giorra, 's diùraidh air fhaighinn ciontach san t-Sultain 2022.

Bha e a' dol às àicheadh nan casaidean uile a bha na aghaidh.

A' cur binn air, thuirt am britheamh, am Morair Armstrong, gun robh coltas gun deach na muirt a dhealbh ro làimh.

"Tha coltas ann gun do cho-dhùin thu an cur gu bàs. Mhuirt thu an dithis, fhuair thu cuidhteas an cuirp 's ghabh thu ceumannan 'son na rinn thu a chleith."

Anndra agus Renee NicRathTùs an deilbh, TEAGHLACH RENEE NICRATH

Chaidh a' Bh-Ph. NicRath, 36, agus Anndra a dhìth air an 12mh là den t-Samhain 1976. Chaidh an càr aice a lorg an oidhche sin ann an camas-fois air an A9 aig Dal MacGearraidh, deas air Inbhir Nis.

Chaidh innse don diùraidh gun robh MacDhùghaill, a bha a' fuireach ann an Inbhir Nis aig an àm, na rùnaire aig companaidh leis an duine bhon robh a' Bh-Ph NicRath air sgaradh, Gòrdan.

Thuirt Oifis a' Chrùin agus Seirbheis Casaid a' Chrùin gum feumadh iad rannsachadh tubaist bhàsmhoir a chumail leis gun robh MacDhùghaill fo ghlais laghail 's fo chùram na stàite nuair a bhàsaich e.

Thèid ro-èisteachd a chumail air an t-7mh là den Fhaoilleach aig Cùirt an t-Siorraim ann an Sruighlea.

Bidh rannsachaidhean FAI ag amas air dèanamh a-mach dè a b' adhbhar do bhàs, ciamar a thachair e, agus dè ghabhadh dèanamh airson a sheachnadh ma bha càil idir ann.

Tha na rannsachaidhean gan cleachdadh airson an fhìrinn a lorg, seach coire a chur.

Tuilleadh air an sgeulachd seo