Sgrùdadh air seirbheis slàinte Sgitheanach
- Air fhoillseachadh

Tha mì-thoileachas mòr ann mu atharrachaidhean ri seirbheisean slàinte an eilein.
Tha cathraiche an Rannsachaidh Neo-eisimeilich mu sheirbheisean slàinte èiginneach san Eilean Sgitheanach, ann an Loch Aillse 's an Iar-Dheas Rois gu bhith a' tadhal air an sgìre an ath-sheachdain.
Nì Sir Lewis Ritchie sgrùdadh air seirbheisean taobh a-muigh ùairean obrach àbhaisteach a tha gan toirt seachad le NHS na Gàidhealtachd.
Bithear a' rannsachadh gu sònraichte a bheil an t-seirbheis sin a' freagairt air ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.
Tha dragh mòr air nochdadh san sgìre mu lùghdachadh san t-seirbheis.
Cha bhi an rannsachadh a' coimhead ris na h-atharraichean eile a tha am Bòrd-Slàinte a' cur air adhart anns an eilean.
Tha Sir Lewis Ritchie an dùil coinneachadh ri luchd-obrach slàinte, riochdairean bho Sheirbheis nan Carbadan Eiridinn agus na seirbheisean èiginn eile.
Bheir e cuideachd cuireadh dhan bhuidhinn-iomairt SOS-NHS coinneachadh ris.