Ùghdarras Singilte Eileanach?
- Air fhoillseachadh

Tha a' Chomhairle a' dèanamh dheth gun cuireadh am plana tuilleadh dìon air seirbheisean aig ìre ionadail.
Tha Comhairle nan Eilean Siar air aontachadh co-chomhairle a dhèanamh mu bhith a' stèidheachadh ùghdarrais a bheireadh còmhla grunn sheirbheisean poblach.
Tha a' Chomhairle a' dèanamh dheth, le airgead poblach cho buileach gann, gun cuireadh sin tuilleadh dìon air seirbheisean aig ìre ionadail.
Tha grunn math bhliadhnaichean ann bho chaidh bruidhinn air an leithid an toiseach.
Èifeachdachd
Thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gur e a bhith a' dèanamh an fheum as fheàrr den ionmhas a th' ann a tha seo.
"Tha sinn a-nis a' ruighinn na h-ìre far a bheil sinn air a bhith a' bruidhinn ris an Riaghaltas mu dheidhinn - tha sinn a-nis a' tòiseachadh a' bruidhinn ri buidhnean anns a' choimhearsnachd."
Tha dùil gun gabhadh leithid de bhuidhinn a-steach a' Chomhairle fhèin, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar agus a' bhuidheann iomairt, ged a tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh nach eil càil dearbhte aig an ìre seo.
"Chan eil sinn aig an ìre seo ag ràdh dè bu chòir tachairt ach tha sinn mothachail - leis mar a tha an Riaghaltas a' gluasad air adhart le bhith a' dèiligeadh ri cuspairean aig ìre roinneil - gu bheil atharrachadh a' dol a thighinn co-dhiù, agus gur dòcha gur e an t-atharrachadh a bhios sin gum bi tòrr de na co-dhùnaidhean - gu h-àraidh a thaobh slàinte - tha iad a' gluasad gu math fada a thaobh sin.
"Thathas cuideachd a' bruidhinn mu dheidhinn a thaobh foghlaim agus, mas e 's gum bi na seirbheisean sin air an dèiligeadh riutha gun teagamh sam bith 's ann air Tìr-Mòr a bhios e agus aig ìre cheann a tuath na h-Alba".
Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, ged a tha fios aca mu mholaidhean na Comhairle, nach eil iad air pàirt a ghabhail ann an còmhraidhean sam bith mun deidhinn.
Thuirt iad cuideachd nach eil uallach sam bith orra-san gabhail riutha.