Chan eil fianais ann gun tug iolairean air falbh eich bheaga an Uibhist

Thuirt Dòmhnall Iain Camshron nach robh sgeul fhathast air na searraich Shealtainneach a chaidh a dhìth
- Air fhoillseachadh
Tha buidheann nàdair na h-Alba ag ràdh nach d' fhuair iad sgeul air closaichean shearrach Sealtainneach nuair a rinn iad sgrùdadh air neadan iolairean-mara an Uibhist a Deas.
Bha an croitear Dòmhnall Iain Camshron a' cumail a-mach gun do dh' fhalbh na h-iolairean leis na h-eich bheaga agus e ag ràdh gun robh na h-eòin a' sgèith os an cionn mus deach iad a dhìth eadar an Cèitean agus an Iuchar am-bliadhna.
Thuirt NàdarAlba nach d' fhuair iad sgeul air closaichean uan neo searrach san dà nead as fhaisge air croit Mhgr Chamshroin.
Thuirt esan, ge-tà, nach b' e fianais a bh' ann nach tug na h-eòin na beathaichean aige leis nach deach coimhead ann an neadan eile sa sgìre.
Tha fios ann gum bi iolairean-mara ag amas air stoc agus tha croitearan agus tuathanaich ag ràdh gum faca iad iad a' falbh le uain.
Tha Ionad Nàiseanta nan Eun-Creachaidh air a ràdh roimhe gum biodh e "gu math mì-choltach" gum b' urrainn do na h-iolairean-mara sgèith air falbh le searrach.

Tha Dòmhnall Iain Camshron ag ràdh gun deach còig eich òga à sealladh thairis air beagan agus dà mhìos
Tha Dòmhnaill Iain Camshron ag ràdh gun deach còig searraich à sealladh thairis air naoi seachdainean.
Tha na h-eich Shealtainneach mar phàirt den ghnìomhachas turasachd aige Long Island Retreats.
Tha sgrùdaidhean NàdarAlba an Uibhist a Deas mar phàirt den obair nàiseanta aca taic a chumail ri daoine le stoc a tha ann an cunnart bho na h-iolairean-mara.
Dh'innis NàdarAlba dhan BhBC gun tug iad sùil air an dà nead as fhaisge air far an deach na searraich fhaicinn mu dheireadh agus thuirt iad "nach robh cnàmhan uan neo searrach annta".
Thuirt Mgr Camshron nach deach coimhead sna neadan eile sa sgìre agus dh'iarr e air NàdarAlba na sgrùdaidhean aca a leudachadh.
"B' fhearr leam gun dèanadh cuideigin neo-eisimeileach an obair sin agus gum biodh an t-uachdaran agus croitearan eile an sàs ann," thuirt e.
Chuir a' bhuidheann-charthannais RSPB Alba fàilte air sgrùdadh NàdarAlba.
Thuirt iad: "Tha seo a rèir an rannsachaidh a rinneadh roimhe air biadh nan iolairean-mara an Alba, agus 's e as motha a bhios iad ag ithe iasg agus iseanan is mamalan beaga.
"'S e fianais a tha a' stiùreadh mar a bhithear a' dèileagadh riutha an Alba agus tha sinn a' cur taic ris an dòigh-obrach sin".