Saoil an e bìobhairean an ath bhiast a chithear ann an Loch Nis?

Bìobhair san uisge le geug na bheulTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thathar a' sireachd bheachdan a' phobaill mu mholadh bìobhairean a thilleadh gu aibhnichean Loch Nis.

Cumaidh a' bhuidheann Trees for Life agus Urras nam Bìobhairean grunn sheiseanan poblach air a' mhìos seo agus san Dàmhair ann am bailtean air bruachan an locha.

Tha iad airson faighinn a-mach dè tha na coimhearsnachdan sin a' saoilsinn mu phlana na beathaichean a thoirt air ais gu sgìre far am biodh iad uair a' tighinnn beò.

Loch NisTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Cruinnichear beachdan bho luchd-còmhnaidh nam bailtean timcheall air Loch Nis mu bhith a' tilleadh bhìobhairean chun na sgìre

Tha Ailean McDonnell, Ceannard Ath-nuadhachadh Nàdair aig Trees for Life, ag ràdh gu bheil iad airson "farsaingeachd de bheachdan a chluinntinn, gu h-àraidh draghan mun atharrachadh a dh'fhaodadh thighinn an cois nam bìobhairean".

Thuirt e: "Dh'fhaodadh bìobhairean buannachdan mòra a thoirt do choimhearsnachdan, ghnothachasan agus an àrainneachd, ach feumar cnuasachadh air gu cùramach."

Tha barrachd fiosrachaidh mun phròiseact agus na seiseanan poblach ri fhaotainn an seo., taobh a-muigh

Tha an Dr Roisin Chaimbeul-Palmer, Ceannard Ath-nuadhachaidh Urras nam Bìobhairean, ag ràdh gu bheil an còmhradh leis a' choimhearsnachd "na cheum cudromach ann a bhith a' cur ri na tha de bhìobhairean ann an àitichean freagarrach mar phàirt de ro-innleachd nàiseanta na h-Alba".

Thòisicheadh air bìobhairean a thilleadh a dh'Alba gu h-oifigeil ann an 2009 an dèidh mar a chuir sealg às dhan ghnè bho chionn 400 bliadhna.

Ann an 2022, chaidh Abhainn Nis a chomharrachadh le NàdarAlba mar thè de na làraichean as fhreagarraiche airson nam beathaichean.

Bidh luchd-obrach NàdarAlba cuideachd aig na coinneamhan poblach airson ceistean dhaoine a fhreagairt.

Tha gu leòr san dùthaich toilichte na biastan fhaicinn às ùr agus beachd ann gun cuidich iad ann a bhith a' seachnadh thuiltean.

Ge-tà, tha cuid de thuathanaich air teagamhan a nochdadh mun phoileasaidh agus iad ag ràdh gun dèan na bìobhairean milleadh air talamh àitich.