Còmhraidhean mu ùghdarras singilte eileanach an dèidh "adhartais mhòir"

Bhiodh an t-ùghdarras ùr an urra ri seirbheisean poblach gu lèir na sgìre
- Air fhoillseachadh
Thèid còmhraidhean a chumail eadar Comhairle nan Eilean Siar agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar airson modail ùr a chruthachadh airson ùghdarras singilte eileanach a stèidheachadh.
Tha seo agus Àrd-Oifigear na Comhairle, Malcolm Burr, ag ràdh gu bheil adhartas mòr a' tighinn air obair ath-leasachaidh nan seirbheisean poblach san sgìre.
Thathas air a bhith a' bruidhinn mu sheirbheisean poblach gu lèir nan Eilean Siar a thoirt còmhla fo sgèith aon bhuidhne o chionn fhada.
A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan sa Chèitean is Comhairle nan Eilean Siar a' comharrachadh 50 bliadhna, thuirt iar-cheannard CnES gun robh e follaiseach gum feumadh "dreach ur tighinn air Comhairle nan Eilean".
Ach leis an sporran phoblach ga shìor ghearradh, tha cuideam às ùr a' tighinn air a' chùis, 's aig a' Chomhairle ri bliadhna eile de shàbhalaidhean a chur an gnìomh.
Thug Riaghaltas na h-Alba £300,000 dhan Chomhairle airson na planaichean a thoirt air adhart bho chionn ghoirid.
Fon mhodail a thathas a' deasbad, taobh a-muigh, bhiodh a' Chomhairle, Bòrd na Slàinte, Buidheann Taigheadais Innse Gall agus a leithid air an riaghladh fo aon ùghdarras seach mar a tha iad an-dràsta.
Comhairlean eile
Bhiodh cuideachd cumhachd aig ùghdarras den t-seòrsa co-dhùnaidhean a dhèanamh dhan sgìre fhèin 's docha nas luaithe seach co-dhùnaidhean gan dèanamh aig an Riaghaltas, agus a bhith a' taghadh càite am bu chòir coimhead ri prìomhachasan na sgìre.
Tha comhairlean Arcaibh, Shealtainn, agus Earra-Ghàidheal is Bhòid cuideachd a' coimhead ris a' modail.
Bidh còmhraidhean a bharrachd aig comhairlichean mun dreach a bu chòir a chur air ùghdarras singilte eileanach aig Comataidh Poileasaidh agus Storais na Comhairle an ath sheachdain.
Aig a' choinneimh sin, thèid iarraidh air comhairlichean buidheann de bhuill aontachadh 'son seo a thoirt air adhart
Bidh aig Comhairle nan Eilean Siar is NHS nan Eilean Siar ri molaidhean a chur a-steach gu ministearan an Riaghaltais ro dheireadh na mìos, mus feumar modail no modailean nas mionaidiche a chur thuca ro dheireadh na bliadhna.
Chaidh beachd iarraidh air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh15 An t-Iuchar
- Air fhoillseachadh1 Am Màrt 2018