Plana leasachaidh airson cala Steòrnabhaigh

  • Air fhoillseachadh
Cala Steornabhaigh

Tha Ùghdarras Chala Steòrnabhaigh air planaichean fhoillseachadh airson port a bhaile a leasachadh.

A-measg nam planaichean, tha cidhe ann an uisge domhainn a bhiodh a' ciallachadh gu faigheadh soitheachan mòra, còrr air 156 meatar, tighinn a-steach gu cala.

Tha iad cuideachd an dòchas cala iachtaichean ùr a' stèidheachadh anns an toilleadh 100 iacht.

Tha an leasachadh a th' anns an amharc mar phàirt de phlana 20 bliadhna aig an ùghdarras.

Tha dòchas ann gum bi e na phàirt cuideachd den àrdachadh a thathar a' sùileachadh ann an turasachd mara air feadh Alba.

Misneachail

Cosgaidh an leasachadh co-dhiù £80m.

Thuirt cathraiche an ùghdarrais, Murchadh Moireach gu robh iad misneachail gu lorgadh iad luchd-seilbheachd.

Thèid taisbeanaidhean poblach de na planaichean a chumail mar phàirt de cho-chomhairleachadh air na molaidhean.

Bidh a' chiad thaisbeanadh ann Dimàirt 24mh den Ghiblean ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh eadar 10m is 6f.