"Mura bi càil ann don luchd-turais cha tig iad tuilleadh"

Meadhan baile SteòrnabhaighTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Tha beachd ann gum bu chòir Steòrnabhagh a dhèanamh nas tarraingiche do luchd-tadhail agus gum biodh bàta-slaodaidh feumail airson leigeil le barrachd dhiubh faighinn air tìr ann.

Tha BBC Naidheachdan air a bhith a' bruidhinn ri luchd-gnothachais sa bhaile agus mòran ag aithris gu bheil seusan turasachd làidir eile air a bhith aca.

Janice Clark
Fo-thiotal an deilbh,

Tha manaidsear Ishga, Janice Clark, ag iarraidh Steòrnabhagh a dhèanamh nas tarraingiche

Nam measg tha bùth na companaidh Ishga air Sràid Chrombail. Tha am manaidsear Janice Clark den bheachd gu bheil sgeadachadh a dhìth air Steòrnabhagh.

"Feumaidh a' Chomhairle airgead a chosg air am baile a dhèanamh nas tarraingiche. An-dràsta, chan eil fiù 's taighean-beaga poblach ann.

"'S e prìomhachas a bu chòir a bhith ann oir mura bi càil ann don luchd-turais cha tig iad tuilleadh," thuirt i.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun do dh'aontaich iad £100,000 a chosg air a' bhaile suas gu 2028.

Thà an àireamh de luchd-turais sna h-Eileanan an Iar air barrachd air dùblachadh sna 10 bliadhna a dh'fhalbh.

Thàinig àrdachadh còrr agus a dhà uimhir air àireamh an luchd-turais chun nan Eilean Siar sna 10 bliadhna a dh'fhalbh.

Louis MacÌomhair
Fo-thiotal an deilbh,

Tha bliadhna thrang air a bhith aig Louis MacÌomhair ann an Tech Mobile

Tha Louis MacÌomhair a' ruith Tech Mobile, còig mionaidean bho mheadhan a' bhaile.

Thuirt e: "Tha daoine a' tighinn a-steach bho na bàtaichean is bhanaichean-campachaidh airson fònaichean a chàradh.

"Tha sinn nas trainge as t-samhradh ach tha bliadhna mhath air a bhith againn.

"A' bruidhinn ri gnothachasan eile an seo agus tha iad gu math trang cuideachd," thuirt e.

Iain Faller
Fo-thiotal an deilbh,

Tha beachd aig Iain Faller gu bheil bàta-slaodaidh a dhìth air cala Steòrnabhaigh

Le Iain Faller a tha a' bhùth Island Spirit Whisky: "On dh'fhosgail an cala domhainn tha soithichean nas motha a' tighinn a-steach agus mòran a bharrachd luchd-siubhail.

"Tha a' bhliadhna seo agus an-uiridh gu math trang againn," thuirt e.

Tha Mgr Faller ag ràdh gu bheil iad gu math fortanach gu bheil iad ri taobh stad bus luchd nan crùsaichean.

Bha mu dhusan dhiubh ge-tà nach b' urrainn tighinn a-seach air sgàth na h-aimsire, agus tha e den bheachd gum biodh bàta-slaodaidh feumail airson taic a thoirt dhaibh faighinn a-steach don chala.

Màrtainn Greumach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha am Maighstir-cala, Màrtainn Greumach, ag ràdh gum biodh bàta-slaodaidh ro chosgail

Tha Maighstir-cala Ùghdarras Cala Steòrnbhaigh, Màrtainn Greumach, ag ràdh nach eil barantas ann gum faigheadh bàta-slaodaidh air soitheach mòr a thoirt gu cala.

Thuirt e: "Bidh sinn a' faicinn sin ann am puirt eile ann an Arcaibh agus Inbhir Ghòrdain far a bheil tugs aca agus tha bàtaichean fhathast a' cur dheth thursan."

Ge-ta, 's e am bacadh as motha cho cosgail agus a bhiodh bàta-slaodaidh dhaibh, tha e ag ràdh.

"Airson obair aon là, bhiodh e faisg air £30,000 airson a thoirt suas. Na puirt far a bheil tugs fad na bliadhna tha gnìomhachasan eile agus soithichean mòra a' tighinn a-mach agus a-steach fad na bliadhna.

"An-dràsta co-dhiù, chan eil e freagarrach tugs a bhith againn," thuirt e.