Sgeul na Camanachd a' fosgladh gu h-oifigeil

- Air fhoillseachadh
Tha taisbeanadh 'Shinty's Story - Sgeul na Camanachd' fosgailte gu h-oifigeil an-diugh agus thathar ga fhosgladh don phoball Là na Sàbainn.
Tha an taisbeanadh stèidhichte aig Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis agus chaidh a chruthachadh gus dìleab a' gheama a ghlèidheadh agus a chuir air beulaibh an t-sluaigh.
Chaidh an taisbeanadh a' leasachadh ann an co-bhonn leis a' chompanaidh Lateral North, a bhios a' dealbhachadh thaisbeanaidhean.
Tha 'Sgeul na Camanachd' a' togail air ceithir prìomh bhunaitean co-cheangailte ri iomain - Bun-stèidh, Coimhearsnachd, Farpais agus Àm ri teachd.
Am measg na tha ri fhaicinn, tha seann chamain, buinn is stuth iomain eile, taisbeanaidhean didsiteach agus sgeulachdan o chluicheadairean - sean is ùr.
Fhuair am pròiseact taic £544,000 bho Mhaoin Dualchais a' Chrannchair Nàiseanta.
Moit
Thuirt Burton Moireasdan, Ceann-suidhe Comann na Camanachd: "Tha h-uile duine a tha an sàs anns an spòrs moiteil. Tha e (Sgeul na Camanachd) a' togail air an eachdraidh, spiorad is coimhearsnachd a tha ciallachadh gu bheil iomain cho sònraichte agus tha e sealtainn mar a tha an geama ag atharrachadh ach fhathast a' cumail ri na freumhan a bh' ann o thùs.
"Tha an taisbeanadh a' toirt urram do na ginealaichean a th'air caman a thogail agus tha e cuideachd a' brosnachadh an ath ghinealach airson sin a chumail beò.
"Tha mi air mo dhòigh glan gum bheil àite a-nise ann do luchd-tadhail airson an dualchas againn a chomharrachadh."

Burton Moireasdan, Ceann-suidhe Comann na Camanachd
Tha an taisbeanadh, aig Pàirc a' Bhucht, an asgaidh agus tha e fosgailte don phoball o Dhihaoine gu Dimàirt o 9.00m gu 5.00f.
Tha Comann na Camanachd a' lorg dhaoine a nì obair gu saor-thoileach air an taisbeanadh agus a bhios a' cuideachadh le bhith ga ruith.
Thuirt manaidsear pròiseact 'Sgeul na Camanachd', Aarron Duncan-MacLeòid gu bheil iad airson cluinntinn o dhuine sam bith aig a bheil ùidh mhòr ann an dualchas na h-Alba agus a tha airson sgeulachd na h-iomain a chumail beò.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An t-Sultain 2023

- Air fhoillseachadh6 An Dùbhlachd 2022
