Dùil ri co-dhùnadh air cìs turasachd air a' Ghàidhealtachd san Dùbhlachd

Luchd-turaisTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil àireamhan luchd-turais air a bhith ag èirigh sna deich bliadhna a dh'fhalbh agus gun tàinig 8.4 millean ann an 2023

  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tèid molaidhean air cìs turasachd air a' Ghàidhealtachd air beulaibh chomhairlichean anns an Dùbhlachd.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air co-chomhairleachadh a chumail air cìs 5% a tha iad a' smaoineachadh a chruinnicheadh £10m gach bliadhna aig a' char as lugha.

Tha oifigich air a bhith a' coimhead air còrr air 4,000 freagairt a fhuair iad bho dhùin an co-chomhairleachadh sa Mhàrt.

Tha Seòmraichean Malairt a' Mhonaidh Ruaidh, Loch Abair agus Inbhir Nis air dragh a thogail agus iad ag ràdh gum faodadh a' chosgais a bharrachd luchd-turais a chur dheth o bhith a' tighinn don Ghàidhealtachd.

A rèir aithisg ro choinneimh den Chomhairle an ath-sheachdain, thèid molaidhean a chur fa chomhair nan comhairlichean airson beachdachadh orra anns an Dùbhlachd.

Chaidh cumhachdan a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail na h-Alba an-uiridh cìsean den leithid a chur an sàs.

Tha comhairlean Dhùn Èideann, Obair Dheathain is Glaschu air aontachadh cìs turasachd a thòiseachadh ach tha comhairlean eile air diùltadh an leithid a dhèanamh. Tha Arcaibh is Sealtainn nam measg.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air na planaichean acasan a chur gu aona taobh an-dràsta.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil an àireamh de luchd-turais a tha a' tadhal air an sgìre air a bhith ag èirigh thairis air an 10 bliadhna mu dheireadh agus ann an 2023 bha an àireamh aig 8.4 millean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo