Ath-chuinge mu thaighean-beaga Cheann Loch Biorbhaidh

  • Air fhoillseachadh
Ceann Loch BiorbhaidhTùs an deilbh, Geograph/Anne Burgess

Tha barrachd chuideim a' dol air Comhairle na Gàidhealtachd mu na planaichean aca mòran thaighean-beaga san sgìre a dhùnadh.

Thèid buidheann à Ceann Loch Biorbhaidh a dh'Inbhir Nis Dihaoine le ath-chuinge mun chùis.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cur rompha 29 taighean-beaga poblach a dhùnadh.

Dh'innis an t-ùghdarras ionadail an t-seachdain seo, ge-tà, gun tèid ath-sgrùdadh mun chùis a leudachadh chun Dàmhair.

Tha an t-ath-sgrùdadh sin a' coimhead air mar as urrainn na taighean-beaga a bhith air a ruith le coimhearsnachdan.

Chuir 4,500 duine an ainmean ri ath-chuinge Cheann Loch Biorbhaidh, is iad ag ràdh gu bheil rudan mar an NC500 a' fàgail gu bheil feum air barrachd thaighean-beaga.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun coinnich iad ri Comhairle Coimhearsneachd Cheann Loch Biorbhaidh an ath-sheachdain.