Cèilidh na Bliadhn' Ùire aig BBC ALBA a' tilleadh a Ghlaschu

Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnainn aig Cèilidh na Bliadhn' Ùire am Baile a' Ghobhainn ann an 2018Tùs an deilbh, BBC Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Còmhlam Cèilidh Ghleann Fhionnainn aig Cèilidh na Bliadhn' Ùire am Baile a' Ghobhainn ann an 2018

  • Air fhoillseachadh

Cuiridh BBC ALBA fàilte air 2026 le cèilidh mhòr air a craoladh à Talla Bhaile a' Ghobhainn le cuid den luchd-ciùil as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig air an àrd-ùrlar.

Bidh Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach aig an stiùir agus thèid a' chèilidh a chraoladh gu luchd-amhairc air feadh an t-saoghail.

Am measg nan ceòladairean a bhios ann tha an còmhlan Dàimh agus na seinneadairean Norrie "Tago" MacÌomhair, Emma NicLeòid agus Ruairidh Gray.

Bidh guthan binn Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu, a shoirbhich gu mòr aig Mòd Loch Abair, rin cluinntinn fo stiùir Iseabail Nic an t-Sagairt.

A bharrachd air a cuid obrach mar stiùiriche-ciùil an tachartais, bidh Ingrid NicEanraig cuideachd os cionn Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnainn còmhla ri Iain Mac a' Phearsain, Iain MacMhaighstir, Ùisdean MacCaluim agus Anna Massie.

An còmhlan DàimhTùs an deilbh, BBC Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh an còmhlan Dàimh am measg an luchd-ciùil a bhios aig a' chèilidh

Thuirt Iain MacLeòid, Àrd-Riochdaire an tachartais: "'S e urram mòr a th' ann a bhith nam phàirt de phrògram cho suaicheanta.

"'S e tachartas sònraichte a th' ann an Cèilidh na Bliadhn' Ùire, prògram a tha a' toirt dhaoine còmhla air feadh an t-saoghail.

"Tha àite sònraichte aige ann an clàr BBC ALBA agus ann an cridheachan an luchd-amhairc, agus 's e tlachd mòr a th' ann a bhith ga thoirt beò a-rithist à Glaschu."

Bidh Cèilidh na Bliadhn' Ùire ri fhaicinn air BBC ALBA agus air BBC iPlayer, agus ri chluinntin air BBC Radio nan Gàidheal agus BBC Sounds.

Bidh e ri fhaicinn gu h-eadar-nàiseanta air www.bbc.co.uk/alba Diciadain an 31mh den Dùbhlachd bho 11:30f.