Bann-leathann "air ais" ann an Tiriodh

Einnseanair ag obair air bann-leathannTùs an deilbh, OPENREACH
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Urras Thiriodh gu bheil Openreach air tòiseachadh air seirbheis a' bhann-leathainn a thilleadh dhan eilean an dèidh dhaibh an càball fon mhuir a chàradh.

Chaidh an càball a bhriseadh ann an Stoirm Amy toiseach na Dàmhair.

Thuirt an t-Urras gum bu chòir gum bi a h-uile dachaigh san eilean le seirbheis a-rithist ro dheireadh an là an-diugh.

Chomhairlich iad do dhaoine dha nach robh e ag obair fhathast an router aca a chur dheth 's air ais air.

Chan eil ach beagan mhìosan bho fhuair muinntir Thiriodh seirbheis bhann-leathainn fìor luath, 's bha gearan anns a' choimhearsnachd mu cho fada 's a thug e an càball a chàradh an dèidh Stoirm Amy.

Thug e buaidh mhòr air beatha dhaoine san eilean fad grunn seachdainnean, agus tòrr de sheirbheisean làitheil a' crochadh air na eadar-lìon.

San eadar-ama, chuir BT seirbheis 4G an sàs don eilean a chumadh fònaichean-làimhe a' dol 's thug iad innealan seachad.

Rinn iad ceangal ri Starlink dha sgoil agus dachaigh-cùraim an eilein.

Bha cuideachd hotspotan wifi poblach ann, agus grunn cheanglaichean bann-leathainn choimhearsnachd, ach bha a' mhòr-chuid de dhachannan gun seirbheis.

Thàinig call air gnothachasan ann an Tiriodh ri linn an t-suidheachaidh, agus tha sùil aca a-niste gum faigh iad airgead-dìolaidh.