Cead do leasachadh mòr air bun-structar an dealain an Leòdhas

Dealbh bhon adhar air cò ris a bhios Hub Leòdhais coltachTùs an deilbh, SSEN
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh dà stèisean dealain air an làraich cho math ri goireasan eile

  • Air fhoillseachadh

Chuir Comhairle nan Eilean Siar taic ri iarrtas-dealbhachaidh SSEN airson dà stèisean dealain a thogail air iomall Steòrnabhaigh a bhios a' ceangal Leòdhas ri lìonra sgaoilidh Bhreatainn airson a' chiad uair.

Tha seo co-cheangailte ri càball-dealain ùr a tha a' chompanaidh SSEN a' cur fon mhuir eadar Leòdhas agus tìr-mòr, airson suas ri 1.8GW de dhealan a thig à tuathan-gaoithe ùra a thoirt gu margaidh.

Thug buill bòrd-dealbhachaidh na Comhairle cead seachad ann am prionnsabal an t-seachdain a chaidh airson an dà làraich air Mòintich Àranais.

Chuir coinneamh den làn-chomhairle Diciadain taic ri moladh a' bhuird-dealbhachaidh cho fada agus gun coinnich SSEN ri na 30 cumhachan aca a' gluasad air adhart - nam measg, gum bi iad a' càradh rathaidean agus a' cumail ri geallaidhean a thaobh buannachdan eaconomach dhan sgìre.

Tha Iar-Cheannard na Comhairle, Donnchadh MacAonghais, ag ràdh gu bheil seo a' toirt dhaibh "làmh an uachdair air mar a thèid cùisean air adhart tron phròiseas dealbhachaidh seo".

Tha Hub Leòdhais mar phàirt de phròiseact mhòr SSEN luach £22bn gus lìonra an dealain an ceann a tuath na h-Alba a leasachadh airson coinneachadh ri targaidean airson dealain uaine agus tèarainteachd cumhachd.

Thèid fo-stèisean AC 400 KV agus stèisean HDVC 's am bun-structar a thig nan cois airson obair-leasachaidh SSEN a thogail.

Cho-dhùin a' chompanaidh dealain gun a dhol air adhart leis a' chiad phlana a bh' aca an dèidh don choimhearsnachd mì-thoileachas a thogail mun làraich a bha iad a' moladh tuath air Abhainn Ghrìoda.

Thuirt Stiùiriche an Leasachaidh aig SSEN, Alison Hall: "Tha co-dhùnadh an là an-diugh na chlach-mhìle a thaobh a bhith a' coileanadh thargaidean cumhachd riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba.

"Cruthaichidh e aonad airson pròiseactan cumhachd glan airson siostam dealain nas seasmhaiche agus nas saora airson nan ginealaichean ri thighinn."

Tha SSEN air taic-airgid a thoirt don obair rathad Àranais a leasachadh, agus airson sgeama taigheadais far am bi luchd-obrach aca a' fuireach a' chiad ghreis.