Àrd-stiùiriche ùr làn-ùine air CalMac
- Air fhoillseachadh
Dhearbh bòrd-stiùiridh na companaidh Dàibhidh Mac a' Bhruthainn gum bi Robbie Drummond na Àrd-stiùiriche làn-ùine air CalMac.
Tha Mgr Drummond air a bhith anns an dreuchd gu h-eadar-amail bhon Ghearran.
Thàinig CalMac fo chàineadh thar na mìosan mu dheireadh is troimhe-chèile air cuid de na seirbheisean aca.
Thug Mgr Drummond fianais do Chomataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail aig Holyrood air a' mhìos seo chaidh gus ceistean a fhreagairt mu na trioblaidean.
Thuirt cathraiche Dhàibhidh Mhic a' Bhriuthainn, Dàibhidh McGibbon, gu bheil Mgr Drummond air a bhith fìor mhath mar àrd-stiùiriche eadar-amail tro aon dhe na h-amannan 's dùbhlanaiche ann an eachdraidh na companaidh.
"'S e prìomh amas na companaidh a gealltanasan a choileanadh dhan luchd-cleachdaidh, luchd-earrannan agus do Chòmhdhail Alba agus bidh Mgr Drummond na chuideachadh gus seo a dhèanamh", thuirt Mgr McGibbon.
"Leanaidh am pròiseas gus Àrd-Oifigear ùr fhasdadh do Dhàibhidh Mac a' Bhriuthainn," thuirt e.
Thuirt Robbie Drummond gun e urram mòr a bh' ann dha a bhith na àrd-stiùiriche air CalMac agus gu bheil e a' dèanamh fiughar ri bhith a' leantainn air a' toirt piseach air cùisean aig a' cheart àm 's a tha iad a' cumail luchd-cleachdaidh aig cridhe na cùise.