Ainmean Èirisgeigh fon phrosbaig
- Air fhoillseachadh

Tha e na chleachdadh dhomh a bhith a' falbh air a' bhaidhseagal faisg air Inbhir Nis. Suas Cnoc nan Seangan, taobh na Leacainn, gus an ruig mi Creag a' Mhadaidh Ruaidh.
Gu mì-fhortanach, tha e coltach gun deach na sgeulachdan a thug tòrr de na h-ainmean timcheall an seo gu bith a chall.
Chan eil duine air fhàgail a dh'innseas cò às a thàinig iad.
Ach chan e sin e dhan a h-uile sgìre.
Tha a' bhuidheann Ainmean Àite na h-Alba, ann an co-bhanntachd ri Dualchas Nàdair na h-Alba, air a bhith ag obair gus ainmean àite agus na sgeulachdan ceangailte riutha a chlàradh is a ghlèidheadh.
Tha iad mar-thà air obair phrìseil a dhèanamh.
Rannsachadh
Tha leabhraichean beaga air nochdadh mu ainmean àite is dhualchas Ìle is Diùra, nan Garbh Chrìochan, an t-Sratha san Eilean Sgitheanach, is Cholbhasa is Orasa.
Thug na leabhraichean sin am bàrr cuid de dh'ainmean nach robh idir air nochdadh air mapaichan OS.
'S e Eilean na h-Òige a tha san amharc aig Ainmean Àite na h-Alba a-nise.
"'S e àite gu math beartach a th' ann an Èirisgeigh a thaobh na Gàidhlig agus a thaobh ainmean-àite", thuirt Manaidsear Ainmean Àite na h-Alba, Eilidh Scammell.
Ach tha iad ag aithneachadh gum feum iad cabhag a chur sa ghnothach.
Tha suidheachadh na Gàidhlig air a dhol air ais gu mòr, is fiù 's ann an sgìrean far a bheil i fhathast an ìre mhath làidir - mar Èirisgeigh fhèin - tha fhathast eòlas gu leòr a' sìoladh às gu luath.
"Gus na h-ainmean a ghlèidheadh 'son an ath-ghinealaich, feumaidh sinn àite a thaghadh far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn bho thùs fhathast", thuirt Eilidh.
Ùine
"Tha na h-àiteachan seo a' fàs nas gaine. 'S e a bhith a' feuchainn ri grèim a chumail orra cho luath agus is urrainn dhuinn, is an ùine a' ruith a-mach airson nam pròiseictean seo a dhèanamh", thuirt i.
Tha a' phròiseict cuideachd a' fàgail gu bheil cothrom ann do chuideigin.
Tha Ainmean Àite na h-Alba a' sireadh neach a tha deònach beagan rannsachaidh a dhèanamh ann an Èirisgeigh tro agallamhan is eile.
Thèid an obair seo a dhèanamh dà là san t-seachdain, thairis air deich seachdainean.
Gheibhear barrachd fhiosrachaidh an seo, taobh a-muigh.