A' cur na Hearadh air a' mhapa

Rinn Fañch Bihan-Gallic obair mhòr a thaobh ainmean-àite nuair a bha e a' fuireach anns na Hearadh
- Air fhoillseachadh
Tha Tòn Catrìona ann, creag sna h-Eileanan Mòra, air a bheil cumadh sònraichte.
Tha Fuaim an Tolla ann an Sgalpaigh, far a bheil fuaim àraidh ri cluinntinn is a' ghaoth a' sèideadh tarsainn taobh siar an eilein.
Tha cuideachd leac ann air a bheil Am Bodach, ged nach leig modh leam innse cò às an tàinig an t-ainm sin...
Seo cuid dhen chòrr is 1,000 ainm air an cruinneachadh le fear Fañch Bihan-Gallic is e ag obair mar Mhaor-dùthcha dha Urras Ceann a Tuath na Hearadh thar nan trì bliadhna a dh'fhalbh.
Cha do nochd a' mhòr-chuid dhiubh air mapa sam bith a-riamh.

"Ann an Sgalpaigh na Hearadh, mar eisimpleir, air na mapaichean OS as mionaidiche, lorgaidh sibh 59 ainmean-àite," dh'innis Fañch dhomh.
"Air a' mhapa a rinn mi fhìn le muinntir na sgìre, tha 420 ainmean-àite.
"Ma tha sibh a' dol dhan Sgarpa, far nach eil daoine a' fuireach tuilleadh, tha 33 ainmean air a' mhapa OS, agus tha 315 ainmean air a' mhapa slàn.
"Ann an ceann a tuath na Hearadh fhèin, chruinnich mi barrachd air 1,000 ainmean-àite."

Tha Calum MacAoidh an dòchas gun tèid na h-ainmean a fhuaireadh a chur air mapaichean
"Tha tòrr de na h-ainmean-àite air a dhol a-mach à cleachdadh," thuirt Calum MacAoidh, cathraiche Urras Cheann a Tuath na Hearadh.
"Chan eil daoine a' dol a-mach dhan mhonadh, dhan bheinn, mar a bha aig aon àm cho cumanta.
"Agus cuideachd mu na cladaichean, chan eil uiread de dh'iasgairean ann, agus chan eil daoine a' dol a-mach ann an eathraichean mar a bha iad aig aon àm.
"An ath-cheum, 's e an cur air mapa, agus tha sinn an dòchas gun tachair sin."
Ged a tha fiosrachadh air leth luachmhòr a-nis air a chruinneachadh airson Ceann a Tuath na Hearadh, Sgalpaigh agus an Sgarpa, chan eil an aon seòrsa rannsachaidh air tachairt fhathast ann an ceann a deas an eilein.
Saoil am biodh na ceudan de dh'ainmean-àite an sin nach do nochd air mapa a-riamh, mar a thachair sa cheann a tuath?

Tha Hamish Mac an Tàilleir glè eòlach air ainmean-àite Cheann a Deas na Hearadh
Tha Hamish Mac an Tàilleir à Fleòideabhagh den bheachd gum bitheadh.
"An fheadhainn a bha a' dèanamh nam mapaichean an sin, bidh ceist ort cò ris an robh iad a' bruidhinn? An ann ri muinntir an àite, no an ann ri na h-uachdarain?"
Mar fhear a chuir seachad a bheatha sna h-uisgeachan timcheall Cheann a Deas na Hearadh, tha Mgr Mac an Tàilleir ag radh nach eil cuid de dh'ainmean "a' dèanamh ciall ach ma tha thu gam faicinn far na mara".
Thuirt e: "Cuidhtinis, chaidh e tro mo chluasan gur e 'rubha bàn' a th' ann.
"Ma tha thusa air a' mhuir shìos gu deas air a seo, tha a h-uile rubha a tha a' tighinn a-mach air an taobh seo dhen Chuain Sgìth tha iad a' coimhead cho coltach ri chèile, ach Cuidhtinis.
"Agus, ma tha fhios agad càite a bheil Cuidhtinis, tha fhios agad càite a bheil a h-uile àite eile"

Ach, an dùil ciamar fo ghrian a fhuair a' chreag Tòn Catrìona a h-ainm?
"Can an-dràsta, iasgairean a-muigh ag iasgach ann a shin.
"Dh'fhaodadh e a bhith gun tuirt darna fear ris an duine eile, 'Oh, nach i a' chreag a tha sin a tha coltach ri tòin Catrìona?'
"Bha sinn air a bhaisteadh a-riamh tuilleadh, Tòn Catrìona.
"'S dòcha facal a thuit a-mach à beul cuideigin le dibhearsain – stuic e."
Cò aig a tha fhios dè beachd a bh' aig Catrìona fhèin air a' ghnothach!
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An t-Ògmhios 2018

- Air fhoillseachadh19 An t-Ògmhios 2018
