A' Ghàidhlig a-nis ri fhaighinn air goireas air-loidhne Woolaroo

Dealbh de dh'oileanaich aig Sabhal Mòr OstaigTùs an deilbh, Sabhal Mòr Òstaig
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir SMO eadar-theangachaidhean agus clàraidhean-fuaime Gàidhlig ri Woolaroo

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Sabhal Mòr Ostaig gu bheil iad air a bhith ag obair còmhla ri Google gus a' Ghàidhlig a chur ri goireas-cànain air-loidhne.

'S e goireas fosgailte a tha ann am Woolaroo leis am faod luchd-cleachdaidh dealbh a thogail agus faclan fhaighinn airson rudan a tha mun cuairt orra ann an cànanan a tha fo chunnart.

Tha e a' cleachdadh AI gus nithean aithneachadh agus an uairsin a' dèanamh ceangal ri eadar-theangachaidhean a tha luchd-rannsachaidh cànain air a chur ris.

Chaidh a chur air bhonn ann an 2021 le 10 diofar chànanan rim faotainn aig an ìre sin.

A-nis tha a' Ghàidhlig am measg 30 cànanan a tha rim faighinn, agus SMO air eadar-theangachaidhean agus clàraidhean-fuaime a chur ris.

"Leis a' ghoireas seo faodaidh daoine a' Ghàidhlig fhaicinn agus a chleachdadh nam beatha làitheil", thuirt Iain Fionnlagh MacLeòid, Manaidsear Leasachaidh a' Ghnothachais aig Sabhal Mòr Ostaig

"'S urrainn do dhaoine Gàidhlig a lorg am measg nan nithean a tha mun cuairt orra agus aig an aon àm bidh iad a' cur eòlas air tè de mhion-chànanan an t-saoghail."

Thuirt Chance Coughenour, Àrd-mhanaidsear a' Phrògraim aig Google: Ealain is Cultar: "Tha sinn air ar dòigh glan gu bheil sinn a' cur tuilleadh chànanan ri Woolaroo am-bliadhna bho Afraga, Brasil, Meagsago, An Tuirc, agus Alba.

"Tha Sabhal Mòr Ostaig air obair fìor chudromach a dhèanamh a thaobh a' phàirt Ghàidhlig den phròiseact, agus tha sinn an dòchas gum brosnaich seo barrachd dhaoine gu bhith a' togail ceangal rithe agus a' dèanamh gàirdeachais ris a' Ghàidhlig."

Tuilleadh air an sgeulachd seo