Beatha ùr do leabhar Iain Bunian às dèidh 160 bliadhna

- Air fhoillseachadh
Chaidh beatha ùr a thoirt do leabhar, 160 bliadhna a dh'aois, sa Ghàidhlig, le cruineachadh de leabhraichean agus sgeul beatha an ùghdair Iain Bunian.
Chaidh 'Turas a' Chrìosdaidh' fhoillseachadh an toiseach sa Bheurla ann an 1687 agus choisinn Iain Bhunian cliù mar sgrìobhadair agus searmonaiche.
Chaidh an sgeulachd sin, 'Turas a' Chrìostaidh pàirt a dhà', 'An Cogadh Naomh' agus 'Gràs am Pailteas do Cheann-feadhna nam Peacach' uile eadar-theangachadh leis an Ollamh T.R. MacIlleBhrath agus chaidh iad sin agus sgeulachd-beatha an ùghdair fhoillseachadh còmhla ann an aon leabhar ann an 1865.
Fhuair athair Mòrag Rothaich, Aonghas MacLeòid, an leabhar nuair a chaochaill miseanaraidh a bh' air tighinn a dh'fhuireach anns na Hearadh, agus bhiodh esan ga leughadh don teaghlach gach Sàbaid.
Nuair a chaochaill Mgr MacLeòid, fhuair a Bh-Ph Rothach an leabhar ach bha 160 bliadhna de dh'aois air an leabhar fhàgail ann an droch staid.
Chaidh obair-càraidh a dhèanamh air an leabhar ann an Glaschu thairis air na mìosan mu dheireadh ge-tà, agus tha e a-nis air ais anns na Hearadh agus Mòrag Rothach an dòchas a leughadh do na h-oghaichean aice san àm ri teachd.
- Tùs an deilbh, Mòrag Rothach

Fo-thiotal an deilbh, A dh'aindeoin gun robh i caran robach, bha ìre nan dealbhan anns an leabhar a' seasamh a-mach, fiù 's mus deach obair-càraidh a dhèanamh.
1 de 6
"Tha cuimhne agamsa," dh'innis Mòrag, "nuair a bha sinn nar clann bheag, bhiodh m' athair ga leughadh dhuinn a h-uile là Sàbaid.
"Nuair a chaochaill m' athair, bha cuimhne agamsa gun robh leithid de leabhar ann agus bha fhios agam gun robh na duilleagan a' tighinn às a chèile. On uairsin tha mi air a bhith a' miannachadh a chur ri chèile ceart.
"Tha mi a' smaointinn gur e leabhar iongantach a th' ann."
'S e dha-rìribh leabhar iongantach agus thug eadar-theangachadh an Oll. T.R. MacIllebhrath buaidh mhòr air litreachas cràbhaidh air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an Alba.
Bha Iain Bunian fhèin air buaidh mhòr a thoirt air a leithid de litreachas le na sgrìobhaidhean aige anns an 17mh Linn agus a rèir an Oll. Dòmhnall Meek, ann an aithisg do Sgoil Eòlais na h-Alba, taobh a-muigh, chan eil sgrìobhadair eile de a sheòrsa a chaidh eadar-theangachadh cho tric dhan Ghàidhlig.
Tha e coltach gun tàinig miseanaraidh, Mgr Fraser, dha na Hearadh à Baile a' Chaolais leis an leabhar agus e ag obair do Mhisean a' Chosta an Iar. Phòs esan tè à Collam, anns na Bàigh, agus nuair a chaochaill am miseanaraidh fhuair athair Mòrag cothrom air na leabhraichean a bh' aige.
"Tha mo bhràthair a' cuimhneachadh gur e cliabh a bh' aige, gun deach m' athair a-null agus gun do lìon e cliabh leis na leabhraichean a bh' aige."

Tha Mòrag Rothach air leth toilichte gun gabh an leabhar a leughadh uair eile
Tha e coltach gun robh fèill mhòr air leabhraichean Gàidhlig a dh'aindeoin nach dèanadh mòran de luchd-labhairt a' chànain leughadh innte.
"An uairsin," thuirt Mòrag, "'s e sin a bhiodh iad a' cleachdadh mar textbooks nuair a bha iad a' teagaisg do dhaoine a bhith a' leughadh Gàidhlig a chionn ged a bha Gàidhlig aig daoine, cha b' urrainn dhaibh a leughadh agus a sgrìobhadh.
"Mar sin 's e am Bìoball Gàidhlig agus na leabhraichean sin a bhiodh iad a' cleachdadh airson a bhith ag ionnsachadh do dhaoine agus gun teagamh tha cuimhne agam fhèin nuair a thòisich mi ag ionnsachadh leughadh Gàidhlig gur e soisgeul Eòin a bhiodh iad a' moladh dhut. Gur e sin a b' fhasa."
Bha muintir Chasteil Amhainnsuidhe air seann Bhìoball a chàradh bho chionn ghoirid, agus 's e an obair sin a phiobraich Mòrag gus an obair-càraidh a chur air dòigh airson an leabhair aicese.
"Tha mi uabhasach toilichte. Thèid agam air a leughadh a-nis," thuirt i.
"Roimhe, an staid anns an robh e, cha leigeadh an t-eagal leam a dhol troimhe ach 's urrainn dhomh a-nis a leughadh.
"'S urrainn dhomh a leughadh dha m' oghaichean ma bhios iad ag iarraidh a chluintinn mar sin tha mi uabhasach toilichte leis a chionn bha miann agam riamh thar nam bliadhnaichean a dhèanamh."
Agus, a dh'aindeoin 's gu bheil an sgeulachd còrr air 900 duilleag de dh'fhaid, còrr air 300 bliadhna de dh'aois, am broinn leabhair 160 bliadhna de dh'aois, tha Mòrag den bheachd gum b' fhiach a leughadh uair eile.

Tha mìneachadh de na sgeulachdan anns an leabhar cuideachd, uile sa Ghàidhlig
"Feasgar na Sàbaid no oidhche na Sàbaid nuair a bhiodh sinn a' tighinn air ais às a Choinneimh, bhiodh m' athair a toirt a-mach an leabhair agus ga leughadh dhuinn.
"Bha sinne air ar beò-ghlacadh leis, a chionn 's gur e sgeulachd uabhasach fhèin inntineach a th' ann an 'Turas a' Chrìostaidh'.
"Bhitheamaid a' feitheamh gum biodh an ath Shàbaid ann agus gun cluinneamaid an ath phìos."
Le sin, cha bhiodh e na iongnadh idir nam biodh car eile ann an sgeulachd an dreach seo de "Thuras a' Chrìostaidh' agus eachdraidh an leabhair a' leantainn greis mhath eile fhathast.




