Siaban is sluaisreadh: a' tuigsinn atharrachadh chladaichean Bharraigh

'S i Amanda Vestergaard rannsaiche taice a' phròiseict "Muir is Tìr"
- Air fhoillseachadh
Tha pròiseact ann am Barraigh is Bhatarsaigh ag iarraidh taic a' phobaill ann a bhith a' faighinn tuigse nas fheàrr air mar a tha cladaichean nan eilean ag atharrachadh.
'S e bun-stèidh rannsachadh Muir is Tìr gur e "atharrachadh" seach "crìonadh" a tha a' tighinn air a' chladach, agus tro dhealbhan agus rannsachadh air dè na lusan a tha a' fàs an cois a' chladaich, thathas a' tarraing deilbh nas coileanta den phròiseas.
Os cionn na tràghad air taobh sear Bhatarsaigh tha geata gu math ainmeil dem bi daoine a' togail dhealbhan tric.
Tha an sealladh den tràigh bhon gheata sin air atharrachadh gu mòr thar nam bliadhnaichean le gluasad na gainmhich.
"Thar nam bliadhnaichean, a' tighinn air ais 's air n-adhart, nuair a dheadh tu tron gheata bha mar gum biodh rathad fiodha agad sìos chun na tràghad," thuirt neach-conaltraidh pròiseact Muir is Tìr, Màiri Anna NicFhearghais.
"An-diugh tha tòrr siabain air, chan eil sgeul air an fhiodha.
"A h-uile là a thig thu chun na tràghad tha rudeigin diofraichte," thuirt i.
Uaireannan 's e tràigh ghlan ghil ghainmhich a th' ann, ach uaireannan eile, tha mol ann, le siaban na gainmhich 's sluaisreadh nan tonn.

Chan eil sgeul air an rathad fhiodha a b' àbhaist ruith bhon gheata seo chun na tràghad ann am Bhatarsaigh
"'S toil leinn fhèin mar rannsaichean a bhith caran glèidhteach, 's "atharrachadh a' chladaich" a thoirt air, seach "crìonadh a' chladaich", thuirt Amanda Vestergaard, a tha na neach-taice rannsachaidh dhan phròiseact.
"Oir bidh gainmheach agus eabar a' gluasad timcheall nan eilean gun sgur.
"Mar sin, ged a chì thu 's dòcha gu bheil aon àite a' crìonadh, dh'fhaodadh gu bheil an cladach a' fàs an àiteigin eile.
"'S e na tha fa-near dhuinn ach an dealbh coileanta sin fhaighinn air mar a tha an oirthir ag atharrachadh."

Tha Màiri Anna NicFhearghais ag ràdh gu bheil am poball air a bhith glè dheònach am pròiseact a chuideachadh
Tha obair ri dhèanamh gus an dealbh sin a tharraing ri chèile, ach chan eil e buileach soilleir fhathast dè dìreach a tha am pròiseact a' lorg.
"Chan e rud a tha seo air an deach mòran rannsachaidh a dhèanamh roimhe," thuirt Amanda.
"Tha sinn caran a' trusadh dàta airson dealbh fhaighinn air cò ris a tha an oirthir coltach an-dràsta, 's thèid againn air coimeas a dhèanamh eadar sin agus an t-àm ri teachd."

Bidh na tràighean ag atharrachadh fad na h-ùine, uaireannan gainmheach a-mhàin ri fhaicinn, 's uaireannan mol ann cuideachd
Tha oifis a' phròiseict làn soithichean le sampaill de lusan agus talamh, gus am bi fios aca dè na lusan a tha a' fàs càite, 's càite a bheil diofar seòrsaichean ùir.
"Tha sinn cuideachd a' coimhead ri geo-mhorfeòlas na h-oirthire, siud far an cleachd sinn leithid CoastSnap gus coimhead ri atharrachaidhean ann am pròifil na tràghad," thuirt Amanda.
'S e a th' ann an CoastSnap ach àiteachan stèidhichte air an cuir daoine - am poball - am fònaichean airson dealbh a thogail den cladach.
Dealbhan air an togail san aon àite, ach aig diofar amannan, ann an diofar aimsir, agus aig diofar ìrean den làn.
Chan e gainmheach bhog na tràghad a tha ag atharrachadh ge-tà.
Aig Borgh ann am Barraigh, tha cladh na shuidhe sa mhachair os cionn cladaich chreagaich.
Tha na tuinn fiù 's a' toirt buaidh air a' chladach sin.
"Aig an làraich ann am Borgh tha camara timelapse againn a tha a' sìor thogail dealbhan de na suailichean a' tighinn a-steach 's mar a bheir iad buaidh air a' chladach an sin," thuirt Amanda.

Tha muinntir an àite gu math mothachail gu bheil na h-atharrachaidhean a' tachairt nas luaithe, a rèir Màiri Anna
Tha cuideachadh on phoball riatanach airson na cladaichean a rannsachadh agus a dhìon.
"Chan e pròiseact rannsachaidh a tha seo idir far a bheil sinne gu bhith ag ràdh ri daoine, fhios agad, 'seo rud a dh'fheumas tachairt airson atharrachadh'," thuirt Màiri Anna.
"Tha sinn ag obair còmhla riutha airson gun tig sinn gu co-dhùnadh eadarainn dè seòrsa rudan as urrainn dhuinn a dhèanamh airson bacadh a chur air a' chrìonadh, no na h-atharrachaidhean a tha a' tighinn air an oirthir."
Tha muinntir na coimhearsnachd air a bhith gu math deònach am pròiseact a chuideachadh, agus iad air innse mu na h-atharrachaidhean a tha iad air fhaicinn thar nam bliadhnaichean.
"Tha na daoine fhèin mothachail gu bheil na h-atharrachaidhean a' tachairt nas luaithe," thuirt Màiri Anna.
"Agus tha iad deònach gum faigh iadsan freagairt gu ge b' i dè as coireach ri sin, gun cuir sinn bacadh air gnothaichean 's nach caill iad cus fearainn."