James is The Human League gu bhith aig Belladrum 2026

- Air fhoillseachadh
Tha fèis-chiùil Bhelladrum air ainmean cuid den luchd-ciùil a bhios a' nochdadh aig an fhèis ann an 2026 fhoillseachadh.
Bidh an còmhlan James air an àrd-ùrlar son a' chiad uair bho 2013, agus iad a' comharrachadh 40 bliadhna bho chaidh an stèidheachadh an ath bhliadhn'.
Bidh an còmhlan synth-pop Human League cuideachd ri fhaicinn air prìomh àrd-ùrlar na fèise, agus an t-Albannach Calum Beattie, a bhios aig mullach a' chlàir son a' chiad uair aig fèis-chùil.
Tha Trail West, Torridon agus Valtos am measg nan còmhlan eile a bhios rin cluinntinn, cho math ri Razorlight, Kula Shaker agus Brooke Coombe.
Thuirt Dougie Brown, fear de riochdairean na fèise, gu bheil iad "air bhioran na ciad luchd-ciùil ainmeachadh."
"Le barrachd fiosrachaidh ri thighinn thairis air na mìosan ri thighinn, tha sinn a' dèanamh fiughair ri fèis-chiùil air leth a chur air dòigh leis an luchd-èisteachd às fheàrr san t-saoghal", thuirt e.
Gabhaidh Belladrum àite eadar an 30mh dhen Iuchar agus an 1mh dhen Lùnastal 2026.

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh31 An t-Iuchar
