Dàil a bharrachd air aiseagan ùra
- Air fhoillseachadh
Tha e air tighinn am follais gum bi an tuilleadh dàil air an dà bhàt-aiseig ùr a tha gan togail do Chaledonian Mac a' Bhruthainn air Chluaidh.
Dh'innis Gàradh Shoithichean MhicFhearghais nach bi a' chiad tè, an MV Glen Sannox, deiseil a-niste gu Foghar 2019, 's nach bi an tè eile deiseil gu Earrach 2020.
Bha dùil an toiseach gum biodh an Glen Sannox, a tha gu bhith air slighe Arainn, deiseil as t-Samhradh am-bliadhna.
Chaidh dàil air a' chùis is dùil rithe sa Gheamhradh, is dàil eile a-nise.
Tha dùil air an dàrna bàt-aiseig air an t-slighe eadar an t-Eilean Sgitheanach, na Hearadh is Uibhist a Tuath.
Briseadh-dùil
Bha còir aicese a bhith deiseil goirid às dèidh dhan Glen Sannox tighinn a-steach gu seirbheis ann an 2018.
Cha bhi an soitheach deiseil a-nise gu Earrach 2020.
Dh'aidich Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain, gur e briseadh-dùil a bh' ann.
Thuirt e cuideachd gum bi suas ri dà mhìos de dheuchainnean ann leis an dà bhàta nuair a bhios iad deiseil mus tòisich iad ann an seirbheis.
Tha CalMac air aideachadh gu bheil uallach mòr air na bàtaichean aca, is feum air feadhainn ùra airson faochadh fhaighinn.
"S e briseadh-dùil a tha seo, ged a bha fios againn 'son treis gun robh dàil eile gu bhith ann", thuirt Cathraiche Còmataidh Còmhdail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.
"S e an aon rud math mu dheidhinn gu bheil a-nise ceann-là stèidhichte againn nuair a bhios aiseag ùr ann. Tha mi an dòchas gun tèid a choileanadh", thuirt e.