CnES a' cur an aghaidh sgoiltean Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Clann

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach eil dad a dhùil aca sgoiltean Gàidhlig fa leth a stèidheachadh oir chan eil pàrantan gan iarraidh.

Dh'fhosgail Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh an t-seachdain seo chaidh is pàrantan san Òban a' strì airson sgoil a bhith aca sa bhaile.

Tha sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu is Dùn Èideann a' sìor fhàs.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air dearbhadh nach eil dùil aca sgoiltean Gàidhlig eile a thogail aig an ìre seo ge-tà, is tha Comhairle nan Eilean Siar a-nise air innse nach e sgoiltean Gàidhlig fa leth an t-slighe air adhart dhaibhsan idir.

Inbhe

Chuir a' chomhairle inbhe sgoil Ghàidhlig air cuid de na sgoiltean aca roimhe, ach le cothrom air foghlam tro mheadhan na Beurla annta cuideachd.

Tha dùil aca leantainn leis a' phoileasaidh sin is inbhe sgoil Ghàidhlig le clasaichean tron Beurla a chur air tuilleadh sgoiltean.

"Tha pàrantan air a dhèanamh gu math soilleir dhuinn nach eil iad deònach an cuid chloinne a bhith a' siubhail airson leth-uair no uair an uaireadair a' dol gu coimhearsnachd eile", thuirt ceannard an fhoglaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Uilleam Dòmhnallach.

"Tha iad ag iarraidh an clann a bhith a' fuireach anns na coimhearsnachdan aca fhèin is a bhith a' faighinn an cuid foghlam anns na coimhearsnachdan aca fhèin, agus le àireamh na cloinne rudeigin ìosal ann an tòrr de na sgoiltean, 's e an aon dòigh a tha sinn a' faicinn a tha seasmhach dhuinn a bhith a' cumail clann anns na coimhearsnachdan aca fhèin is Gàidhlig a bhith aca sa chlas", thuirt e.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gu bheil a' chomhairle ag obair gus àireamh nan sgoilearan ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air feadh nan eilean àrdachadh.

Thuirt e gu bheil an àireamh gus a bhith aig 50%, is gu bheil a' chomhairle a-nise a' cur rompha 70% a ruighinn san àm ri teachd.

Coimhearsnachd

Dh'innis e gu bheil iad an dùil gum bi am fàs sin stèidhichte air a' choimhearsnachd.

"Tha sinn a' dol a dh'fheuchainn ri neartachadh na Gàidhlig a tha a' dol san sgoil gus am bi a' choimhearsnachd mar phàirt den sgoil.

"Gus am bi sinn a' toirt seann daoine a-staigh, is gum bi againn air ionad coimhearsnachd mar gum biodh a dhèanamh seach sgoil is gum bi barrachd Ghàidhlig air a cleachdadh timcheall a' chlas.

"Bidh sinn a' cluintinn an còmhnaidh 'cha chum an sgoil leatha fhèin Gàidhlig beò, 's e coimhearsnachd chumas Gàidhlig beò', agus 's e sinn a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh", thuirt e.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh