Seirbheis leabharlainn fon phrosbaig

  • Air fhoillseachadh
Comhairle nan Eilean Siar

Nì comhairlichean anns na h-Eileanan an Iar deasbad Diciadain air molaidhean gus atharrachadh a thoirt air seirbheis nam bhanaichean leabharlainn.

Tha a' Chomhairle an dòchas £177,000 a shàbhaladh le crathadh a thoirt air an t-seirbheis.

Am measg nam molaidhean a th' ann, tha oifigich ag ràdh gur e 's dòcha am feàrr as fheàrr nach bi bhanaichean ann tuilleadh agus gum bi leabharlainn bheaga ann air an ruith leis a' choimhearsnachd.

Bhiodh feadhainn a' ruith nan leabharlann gu saor-thoileach, a dh'fhaodadh a bhith stèidhichte ann an goireasan mar bhun-sgoiltean, le taic bhon Chomhairle.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil taic ann airson a' phlana seo, ach gum feumadh iad co-chomhairle a bharrachd a dhèanamh leis a' choimhearsnachd a thaobh ciamar dìreach a dh'obraicheadh e.

Tha cuid air draghan a nochdadh ge-tà, gum biodh e duilich do chuid ann an sgìrean nas iomallaiche faighinn dha na leabharlainn ùra.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh