A835 fosgailte a-rithist an dèidh tubaiste

- Air fhoillseachadh
Tha an A835 ann an Siorrachd Rois air fosgladh a-rithist an dèidh tubaiste eadar làraidh agus rothaiche.
Chaidh a dhùnadh mu 2:20f Dimàirt eadar Eas Rothagaidh agus Gairbh.
Thugadh am fear a bh' air a' bhaidhseagal a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis airson cùraim.
Tha rannsachadh nam poileas a' leantainn feuch dè dìreach a thachair.