57% an aghaidh cìs turasachd an Earra-Ghàidheal is Bòd

An t-ÒbanTùs an deilbh, Seonaidh MacCoinnich
  • Air fhoillseachadh

Tha nas lugha na dàrna leth de na fhreagair co-chomhairle air cìs turasachd ann an Earra-Ghàidheal taiceil dhan leithid.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' moladh cìs 5% a chur air oidhche aoigheachd ann an oidhirp airgead a thogail airson seirbheisean is goireasan poblach a mhaoineachadh.

Ach tha am moladh air fearg a chur air cuid, gu h-àraid ann an eileanan na sgìre, a dh'fheumas uaireannan oidhche a chur seachad air tìr-mòr airson leithid choinneamhan dotair is eile.

Tha cuid eile den bheachd gun dèanadh e cron air turasachd - gnìomhachas a tha air leth cudromach do dh'eaconomaidh na sgìre, 's a tha fhathast a' faighinn seachad air buaidh Chovid.

Tha Earra-Ghàidheal is Bòd am measg grunn ùghdarrasan ionadail a tha a' beachdachadh air leithid de chìs an-dràsta, agus an sporran poblach gu math gann, le leithid Comhairle Baile Dhùn Èideann air cìs a chur an sàs.

Tha leithid de chìs cumanta ann an dùthchannan eile.

Fhreagair còrr air 3,000 duine a' cho-chomhairle ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, 's thuirt 57% dhiubh sin nach robh iad air a son mar a thathas ga moladh an-dràsta. Thuirt 16% eile gun robh iad na h-aghaidh no gu làidir na h-aghaidh.

Thuirt 19% gun robh iad air a son no gu làidir air a son, le 7% gun bheachd taobh seach taobh, 's 1% nach robh cinnteach.

Bha luchd-gnothachais na bu dualtaiche gun taic a chur ris a' mholadh, le 67% a' cur na h-aghaidh, 52% de luchd-còmhnaidh, agus 62% de luchd-tadhail a fhreagair a' cho-chomhairle.

Tha toraidhean na co-chomhairle gus nochdadh ann an aithisg a thèid air beulaibh buidhne-obrach air a' mholadh aig a' Chomhairle a choinnicheas Diluain an 15mh là den t-Sultain.

Beachdaichidh an Làn-Chomhairle air toraidhean na h-aithisg air a' 24mh là den t-Sultain.